Main content

02/10/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 2 Oct 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 535
Duration: 05:19
Litir 535: Rob Donn
Gleanna Gollaidh,Â
Gleanna Gollaidh,
Gleanna Gollaidh nan craobh,
Cò a chì e nach mol e,
Gleanna Gollaidh nan craobh
A bheil sibh ag aithneachadh sin? ’S e sin an t-sèist aig dà n ainmeil à ceann a tuath –fìor cheann a tuath – na Gà idhealtachd. Tha Gleanna Gollaidh ann an Dùthaich MhicAoidh.
Agus cò am bà rd? Uill, cò eile ach am bà rd Gà idhlig a b’ ainmeile a bhuineadh do Dhùthaich MhicAoidh – Rob Donn. Chuala mi clann a’ gabhail an òrain sin ann an Dùthaich MhicAoidh na bu trà ithe dhen bhliadhna seo, agus tha ceangal eadar sin agus Litir na seachdain sa chaidh. Mìnichidh mi sin an ceartuair.
Ach an toiseach tha mi airson ceist a thogail mu cho eòlach ’s a tha daoine anns a’cheann a tuath air dìleab Rob Dhuinn – taobh a-muigh nan sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gà idhlig co-dhiù. Rugadh Rob ann an Allt na Caillich, faisg air Gleanna Gollaidh. Tha Allt na Caillich gu deas air Beinn Hòb, pìos bhon chosta tuath. Chan eil mòran a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh. Ach chaidh Rob a thiodhlacadh ann an cladh an cois a’ chladaich – gu dearbh, an cois trà igh mhòr bhrèagha air am bi mòran luchd-turais a’ tadhal. ’S e sin Baile na Cille.
Suas an rathad bhon chladh, tha bùth leabhraichean. Bha mi air chuairt anns an sgìre an-uiridh agus chaidh mi a dh’fhaicinn carragh-uaighe Rob Dhuinn. Chuir mi romham an leabhar The World of Rob Donn le Ian Grimble a cheannach anns a’ bhùth.
Bha an latha grianach is blà th agus chaidh mi fhìn is caraid a choimhead air uaigh a’bhà ird. Tha carragh mòr ann – ach chan eil e ann an staid ro mhath an-diugh. Ge-tà , tha e nas motha na a’ chuid mhòr de na clachan-uaighe anns a’ chladh.
Co-dhiù, chaidh mi suas gu ruige bùth nan leabhraichean ann an deagh shunnd.Chunnaic mi an leabhar a bha mi a’ sireadh air na sgeilpichean. Chuir mi an leabhar air a’ chunntair. “Tha mi cho toilichte an leabhar seo fhaighinn,” thuirt mi ris an tè-reic (tuigidh sibh gun robh mi a’ bruidhinn a’ chà nain eile). Cha tuirt i guth. Lean mi orm gu neoichiontach. “Gu h-à raidh anns an sgìre seo,” thuirt mi. “Tha e dìreach iomchaidh.”
Thog am boireannach an leabhar. Leugh i an tiotal – The World of Rob Donn. “Rob Don– who was he then?” dh’fhaighnich i ann am blas Gallta. Dè chanainn?“Dìreach an duine a b’ ainmeile a thà inig às an sgìre seo riamh,” fhreagair mi. Cuiridhmi geall gum biodh là n fhios aice gun robh John Lennon anns an sgìre sin airson là ithean-saora
uaireigin na bheatha. Ach cha chuala i guth riamh air a’ bhà rd Ghà idhlig, Rob Donn, agus a’ bhùth aice leth-mhìle bhon uaigh aige, ma tha i sin. Mo chreach! Gu fortanach, chan ionann a suidheachadh-se agus suidheachadh nan sgoilearan ann am Bun-sgoil Thunga. Tha mòran dhiubh anns an aonad Ghà idhlig agus bidh cà ch anns an sgoil ag ionnsachadh na Gà idhlig. Mo bheannachd air ceannard na sgoile, agus na tidsearan.
Agus bidh Ruairidh MacLeòid gan cuideachadh leis a’ Ghà idhlig. Dh’ainmich mi Ruairidh anns an Litir an t-seachdain sa chaidh. Bha e uaireigin na iasgair anns a’ Chaolas Chumhang.
Bha mi ann an Dùthaich MhicAoidh as t-earrach am-bliadhna agus thug Ruairidh cuireadh dhomh dhol a choimhead air a’ chloinn-sgoile, agus iad a’ gabhail òrain. Am measg na ghabh iad, bha Gleanna Gollaidh le Rob Donn.
Gleanna Gollaidh,Â
Gleanna Gollaidh,Â
Gleanna Gollaidh nan craobh,
Cò a chì e nach mol e,
Gleanna Gollaidh nan craobh.

Faclan na Litreach
Gleanna Gollaidh: Glen Golly; Dùthaich MhicAoidh: The Mackay Country (of N Sutherland); Beinn Hòb: Ben Hope; Baile na Cille: Balnakeil; carragh-uaighe: gravestone memorial; iomchaidh: fitting, correct; cà ch: the others; cuireadh: invitation.
Abairtean na Litreach
Cò a chì e nach mol e: who could see it and not praise it; an t-sèist aig dà n ainmeil: the refrain of a famous poem/song; mìnichidh mi sin an ceartuair: I’ll explain that shortly; dìleab Rob Dhuinn: Rob Donn’s legacy; ann an cladh an cois a’ chladaich: in a cemetery beside the shore; uaigh a’ bhà ird: the poet’s grave; gu ruige bùth nan leabhraichean ann an deagh shunnd: to the bookshop in good spirits; an leabhar a bha mi a’ sireadh: the book I was looking for; cha tuirt i guth: she didn’t say anything; lean mi orm gu neoichiontach: I continued innocently; dè chanainn?: what could I say?; cuiridh mi geall: I’ll bet; gum biodh là n fhios aice: that she would know well; gun robh X anns an sgìre sin airson là ithean-saora uaireigin na bheatha: that X was once [in his life] in that area on holiday; chan ionann a suidheachadh-se agus suidheachadh nan sgoilearan: her situation and that of the pupils are not the same; bidh Ruairidh MacLeòid gan cuideachadh: Roddy MacLeod helps them; dh’ainmich mi: I named [mentioned]; as t-earrach am-bliadhna: in the spring of this year.
Puing-chĂ nain na Litreach
I thought I’d briefly tell you what an uplifting experience I had visiting Bun-sgoil Thunga (Tongue Primary School) in the Mackay Country of N. Sutherland in the spring of this year. The head of the school is also the Gaelic Medium teacher, and the English Medium teachers respect the Gaelic language. The ethos of the school is inclusive so not only are the Gaelic Medium pupils bilingual but the children who are in the English Medium stream also receive some Gaelic tuition and can sing Gaelic songs, as well as doing basic conversation. The Gaelic language is valued in the whole school and not treated with disdain by some of those who don’t speak it. And I’d say they all know who Rob Donn is! Well done to the head, the staff, Roddy MacLeod and, of course, the scholars themselves. There’s a model there for other small communities in Scotland.
Gnathas-cainnt na Litreach
agus a’ bhùth aice leth-mhìle bhon uaigh aige, ma tha i sin: her shop being half a mile from his grave, if it’s [even] that [far].
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 2 Oct 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.