Main content

17/10/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Sat 17 Oct 2009
10:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 537
Duration: 04:59
Litir 537: BĂ rdachd Rob Dhuinn
Tha sinn air a bhith a’ toirt sùil bheag air beatha is bà rdachd Rob Dhuinn anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh. Tha mi a’ dol a thoirt sin gu crìch an-diugh le bhith a’ toirt sùil bheag air dà n a sgrìobh e. Tha e mu dheidhinn, mar gum biodh, an sealladh eadar-dhealaichte aig na Gà idheil agus aig na Goill air dùthaich agus dòigh-beatha nan Gà idheal – gu sònraichte ann an Dùthaich MhicAoidh.
Tha Rob a’ samhlachadh nan Gà idheal mar Iseabail, nighean aig Iain MacEachainn ’ic Iain. Bha Rob a’ fuireach còmhla ri Iain anns an t-Srath Mhòr fad ùine mhòr. Bha e ag obair mar bhuachaille dha. Bha Rob is Iseabail a’ faighinn tlachd bhon à rainneachd aca. Air an taobh eile, a’ riochdachadh sealladh nan Gall, mar gum biodh, tha piuthar Iseabail – Mà iri. Tha Mà iri air a bhith san sgoil ann anInbhir Theòrsa – baile an ìre mhath Gallta – agus tha droch bheachd air èirigh na cridhe air Dùthaich MhicAoidh:
Cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’,
Bu mhist’ e e gu brà th,
Dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn,
Mhill e mi ’s mo shlà int’,
Pà irt de m’ acainn brà igheach Mheirceinn,
’S à it gun mharcaid e,
Ach spà in is copraich ’s bà -theach fosgailt’
’S grà inne shòp ri là r.
Tha i a-mach air Meirceann far nach robh marcaid – an coimeas ris na bailtean Gallta far an robh a leithid. Tha Meirceann air bruach Loch Hòb, gu tuath air Muiseal far an robh dachaigh Iain MhicEachainn ’ic Iain. Agus an do mhothaich sibh am facal bà -theach. Mar a sgrìobh Rob Donn e, tha e follaiseach cò às a thà inig am facal bà thaich – bho bà -theach no “cow house”.
Co-dhiù, tha Iseabail a’ freagairt casaidean Mà iri, le bhith a’ dearbhadh cho brèagha ’s a tha an dùthaich dhi. Cuimhnichibh gun robh na bà ird Ghà idhealach a’ sgrìobhadh ann an dòigh, dh’fhaodadh tu rà dh, romansach mun à rainneachd mus robh a leithid a’ tachairt ann an saoghal na Beurla:
Ciod am fĂ th mun tug thu fuath
’S ann do na bruachaibh à rd?
Nach fhaic thu fhèin nuair a thig an sprèidh
Gur feumail iad len Ă l?
Cha chrà dh cridh’ air là rach shuidhe
Fuaim na lighe lĂ in
Don ghnĂ th bhith cladhach ro a h-aghaidh
Is feur an dèidh a’ fà s.
Tha Mà iri ge-tà , a, leantainn, co-dhiù ann am mac-meanmna a’ bhà ird, le a h-argamaid:
Na bha fìrinneach de d’ amhran
Fhad ’s a bha ’n samhradh blà th,
Rinn e tionndadh Oidhche Shamhna,
’S bheir an geamhradh ’shà r.
Duille shuidhicht’ bà rr an fhiodha,
Dh’fhàs i buidhe-bhà n,
’S tha beauty an t-Srath air call a dhath
Le steall de chathadh-lĂ ir.
Ged nach robh Beurla aig Rob a-chaoidh, bhiodh e a’ stobadh a-steach fhaclan Beurla do a chuid bà rdachd aig amannan. ’S dòcha gun robh e a’ riochdachadh dòigh-labhairt nan uaislean a bha dhen bheachd gun robh e fasanta a bhith a’ cleachdadh fhaclan Beurla. Tha freagairt aig Iseabail do chasaidean Mà iri. Ach cò bha a’ bruidhinn ann an dha-rìribh – Iseabail no Rob fhèin? Fà gaidh mi sibh leis an rainn seo air a bheil mi fhìn uabhasach measail. Tha e a’ riochdachadh gu soilleir bòidhchead an earraich air a’ Ghà idhealtachd:
Glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh
Sin a chrann e ’n-drà st;
Beith is calltainn Latha Bealltainn Gealltanach air fĂ s.
Bidh gruth is crathadh air na srathaibh
’S teirgidh ’n cathadh-là irNach binn an sealladh, glinn a’ stealladh
Laoigh is bainne ’s bà rr.

Faclan na Litreach
buachaille: herdsman; Inbhir Theòrsa: Thurso; Muiseal: Muisel; romansach: romantic; mac-meanmna: imagination.
Abairtean na Litreach
bà rdachd Rob Dhuinn: Rob Donn’s poetry; anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; mar gum biodh: as it were; tha Rob a’ samhlachadh nan Gà idheal mar Iseabail: Rob represents the Gaels as Ishbel; tlachd bhon à rainneachd aca: pleasure from their surroundings; cia b’ e dhèanadh mar rinn mis’: anyone doing as I have done; bu mhist’ e e: he’d be the worse for it; dhol don bheinn an aghaidh m’ inntinn: going to the mountain against my will; pà irt de m’ acainn brà igheach Mheirceinn: part of my grievance is the Merkin upland; grà inne shòp ri là r: grain chaff on the floor; ciod am fà th mun tug thu fuath: what is the reason for your antipathy; gur feumail iad len à l: that they are useful with their offspring; cha chrà dh cridh’ air là rach shuidhe: it is no hardship to sit in a spot; fuaim na lighe là in: [in] the roar of the full flood; don ghnà th bhith cladhach ro a h-aghaidh: digging out its usual course; na bha fìrinneach de d’ amhran: what was true in your song; rinn e tionndadh Oidhche Shamhna: it changed at Halloween; bheir an geamhradh ’shà r: the winter will extinguish it; duille shuidhicht’ bà rr an fhiodha: the foliage situated at the treetops; steall de chathadh-là ir: the onset of snowdrift[s]; glèidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh: the land will wait until summer; sin a chrann e ’n-drà st: it’s hibernating now; beith is calltainn Latha Bealltainn: birch and hazel on Beltane day; gruth is crathadh air na srathaibh: crowdie and churning in the straths; teirgidh ’n cathadh-là ir: melting of the snow drifts; nach binn an sealladh, glinn a’ stealladh: how sweet the spectacle, glens a-spouting; laoigh is bainne ’s bà rr: calves and milk and cream.
Puing-chĂ nain na Litreach
Ach spà in is copraich ’s bà -theach fosgailt’: but spoons and coppers andopen byre. Did you realise that the origin of the word bà thaich (dialectally bà thach) is bà -theach. Teach is an old word for house (and still the standard word for house in Irish Gaelic). Taigh is originally an inflected form of teach (we also derive a-steach from teach). Bà -theach is literally “cowhouse”ie “house of cows”.
Gnathas-cainnt na Litreach
air a bheil mi fhìn uabhasach measail: which I really like myself.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcast
- Sat 17 Oct 2009 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.