Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 20 Nov 2009 11:55

Clip

Litir 542: Eilean Chanaigh

Tha mi fhathast anns na h-Eileanan Beaga an t-seachdain seo. Ach tha mi air gluasad bho Eige gu ruige Canaigh. Bha mi toilichte cluinntinn o chionn ghoirid gu bheilear a’dol a dhèanamh rannsachadh air seann làrach eachdraidheil ann an Canaigh. Chan e rannsachadh a th’ ann air eachdraidh an àite – ach rannsachadh air mar a ghabhas an t-àite sàbhaladh. Mura tèid rudeigin a dhèanamh a dh’aithghearr, tuitidh e às a chèile.

’S e Coroghon Castle an t-ainm air ann am Beurla, ged nach e caisteal àbhaisteach a th’ ann. Ann an Gàidhlig ’s e an Corra-dhùn a th’ air. Bidh sibh eòlach airan fhacal corra-bheinn, tha mi an dùil. A steep or pointed hill or mountain. Corra-dhùn,ma-thà, steep fort or hill. Gu dearbh, ’s e sin a th’ ann. Ged nach eil e mòr, tha e gumath cas.

Chaidh mi a’ choimhead air a’ Chorra-dhùn an turas mu dheireadh a bha mi ann an Canaigh, agus bha e follaiseach nach maireadh an “caisteal” fada às aonais obair càraidh mhòr. ’S e a th’ anns a’ chaisteal togalach beag cloiche faisg air mullach cnuic an cois a’ chladaich. Tha an togalach a’ coimhead a-mach a dh’ionnsaigh an dà chuid cladach an eilein agus taobh na mara – às an tigeadh cunnart anns an t-seann aimsir.

Tha e a’ coimhead coltach gur e nàdar de dhùn a bh’ ann far am biodh daoine a’dol airson an dìon fhèin nuair a bha cogadh ann. Bhiodh e furasta gu leòr a dhìon ’s dòcha. Air an làimh eile, chan eil uisge ann agus cha b’ urrainn mòran bìdh a bhith air a stòradh ann. Tha e dìreach ro bheag. Mar sin, cha mhaireadh e fada an aghaidh feachd mhòr às aonais taic bhon taobh a-muigh. Ach bha e faisg air baile far an robh sluaghuaireigin. An deach na daoine ann fhad ’s a bha iad a’ feitheamh ri taic bho Chloinn Raghnaill ann an Uibhist no air tìr-mòr?

Tha sanasan ann an-diugh a tha a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ streapair an dùn. Tha e ro chunnartach. ’S e Urras Nàiseanta na h-Alba a chuir na sanasan ann. Agus chuir iad air na sanasan “Coroghon Castle/Prison”. Saoil an e prìosan a bh’ann, seach caisteal?

Chaidh agallamh a dhèanamh le seann eileanach, Aonghas Dòmhnallach, leis an neach-cruinneachaidh beul-aithris, Calum MacIlleathain. Rugadh Aonghas ann an ochdceud deug, seasgad ’s a trì (1863). Chan e “caisteal” a thuirt esan ach “prìosan”. 
Agus tha beul-aithris ag innse dhuinn gun robh an togalach air a chleachdadh mar phrìosan oshean. Cò bh’ air a chumail ann mar phrìosanach? Uill, bha bean fear de na cinnchinnidh.

Bha i uabhasach brèagha agus bha an ceann-cinnidh mì-thoilichte gun robh fireile ga suirghe.

Ann am beul-aithris b’ e Dòmhnall Dubh na Cuthaig an ceann-cinnidh sin. Bha ena cheann-cinnidh do Chloinn Raghnaill agus chaochail e ann an Canaigh ann an sia ceud deug, ochdad ’s a sia (1686). Tha cuid a’ dèanamh dheth gun do ghlais e a bhean Mòr ann am Prìosan a’ Chorra-dhùin.

Ma tha sin fìor, tha an togalach a’ dol air ais gu co-dhiù an seachdamh linn deug. Nochd a’ chiad dhealbh dheth ann an clò anns an ochdamh linn deug anns an leabhar a sgrìobh Tòmas Pennant mu a thuras a dh’Alba ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1772). ’S fhiach an togalach a shàbhaladh ma ghabhas e dèanamh. Ach saoilidh mi nach bi sin furasta no saor.

Faclan na Litreach

Na h-Eileanan Beaga: The Small Isles; àbhaisteach: normal: An Corra-dhùn: Coroghan (Castle); cas: steep; cunnartach: dangerous; Urras Nàiseanta nah-Alba: The National Trust for Scotland; prìosan: prison; Dòmhnall Dubh na Cuthaig: Black-haired Donald of the Cuckoo; chaochail: died.

Abairtean na Litreach

bho Eige gu ruige Canaigh: from Eigg to Canna; gu bheilear a’ dol a dhèanamh rannsachadh air seann làrach eachdraidheil: that they are going to do research on an old historical site; mar a ghabhas an t-àite sàbhaladh: how the place can be saved; mura tèid rudeigin a dhèanamh a dh’aithghearr: if nothing is done soon; tuitidh e às a chèile: it will fall to pieces; nach maireadh X fada às aonais obair-càraidh mhòr: that X wouldn’t last long without a lot of repair work; airson an dìon fhèin nuair a bha cogadh ann: to defend themselves at time of war; cha b’ urrainn mòran bìdh a bhith air a stòradh ann: not much food could be stored there; cha mhaireadh e fada àsaonais taic bhon taobh a-muigh: it wouldn’t last long without help from the outside; bhoChloinn Raghnaill ann an Uibhist: from Clanranald in Uist; gun a bhith a’ streap: not to climb; cò bh’ air a chumail ann mar phrìosanach?: who was held there as a prisoner?;bean fear de na cinn-chinnidh: the wife of one of the clan chiefs; gun robh fir eile ga suirghe: that other men were seeking her favours; an seachdamh linn deug: the Seventeenth Century; ann an clò: in print; saoilidh mi nach bi sin furasta no saor: I reckon that will not be easy or cheap.

Puing-chĂ nain na Litreach

togalach beag cloiche faisg air mullach cnuic an cois a’ chladaich: a little stone building close to a hilltop next to the shore. How are you at recognizing nouns in the genitive case? Can you identify the three in this sentence [have a look before reading on!]? The first is cloiche, the genitive singular of clach, a feminine noun. It is working here as an adjective meaning “made of stone”. Cnuic is the genitive singular of the masculine noun cnoc; it means “of a hill”. And a’ chladaich means “of the shore”, cladaich being the genitive singular form of the masculine noun cladach. This word is in the genitive following the compound preposition an cois.

Gnathas-cainnt na Litreach

’S fhiach an togalach a shàbhaladh ma ghabhas e dèanamh: it’s worth saving the building if it can be done.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 20 Nov 2009 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast