Main content

27/11/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 27 Nov 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 543
Duration: 05:26
Litir 543: Dòmhnall Dubh na Cuthaig
Tha an Litir a’ fuireach ann an Eilean Chanaigh an t-seachdain seo. Bha mi ag innsedhuibh mun Chorra-dhùn air cladach an eilein far a bheil seann togalach beag a tha a’tuiteam às a chèile. A rèir beul-aithris chùm fear de chinn-chinnidh Chloinn Raghnaill a bhean na prìosanach ann. ’S e an t-ainm a bh’ air a’ cheann-chinnidh Dòmhnall Dubh na Cuthaig. Bha e beò anns an t-seachdamh linn deug.
Bha gunna mòr aig Dòmhnall. Tha e coltach, nuair a bha e air a losgadh, gun do rinn an gunna fuaim car coltach ri fuaim na cuthaig. Mar sin ’s e “a’ chuthag” a bh’ aig Dòmhnall fhèin, agus cà ch, air a’ ghunna. Gu tric anns an t-seann aimsir bhiodh ainmean dhen t-seòrsa sin aig na Gà idheil air na gunnaichean aca. A rèir choltais chan e duine laghach a bh’ ann an Dòmhnall idir. Nam biodh cuideigin a’ cur dragh air, bhiodh e a’ maoidheadh air gun cuireadh e a’ chuthag an sàs na aghaidh.
Chaidh Dòmhnall agus an sagart ann an Canaigh a-mach air a chèile. Tha cuid a’dèanamh dheth gun do rinn an sagart searmon an aghaidh Dhòmhnaill, ga chà ineadh airson a bhean a chumail anns a’ phrìosan bheag air a’ Chorra-dhùn. Tha cuid eile agrà dh gun robh an sagart ag iarraidh dhol a dh’Uibhist ach gun robh Dòmhnall agiarraidh stad a chur air.
Co-dhiù, chaidh Dòmhnall a Chanaigh anns a’ bhà ta aige. Air an t-slighe bha ainmhidh annasach a’ leantainn a’ bhà ta. Thathar ag rà dh gur e muile-mhà gag mhòr a bh’ ann. Dh’fhàs i stoirmeil. Bha fairge mhòr ann. Agus chunnacas an creutair a bhaseo air mullach gach stuaigh. Bha an criutha dhen bheachd gun rachadh am bà ta fodha.Bha Dòmhnall fhèin aig an stiùir agus dh’iarr e air a’ chreutair thighinn air bòrd. Chaidh e air bòrd agus rà inig am bà ta Canaigh gu sà bhailte.
Thug Dòmhnall Dubh clà r fiodha a-mach às gach bà ta anns an eilean, gus nach fhaigheadh an sagart air falbh. Ach, latha a bha seo, chunnaic an sagart bà ta a’ dol seachad air Canaigh. Dh’iarr e air a’ chriutha thighinn gu tìr agus rinn e dol-às – ged a bha am bà ta a’ dol don Eilean Sgitheanach, seach a dh ’Uibhist. Fhad ’s a bha e a’ seòladh air falbh, dh’èigh an sagart, mar gum biodh, air Dòmhnall Dubh, “biodh do dhust an seo gun a bhith air a thiodhlacadh a cheart cho fada ’s a chùm thu mise ann.”Nuair a bha Dòmhnall a’ bà sachadh bha e ann an èiginn. Chuala e fead taobh amuighan taighe. Dh’fhalbh e a-mach ach bha mac banntraich an sin. Chuir esan Dòmhnall Dubh air ais na leabaidh.
Thachair sin dà rna turas. Chuir mac na banntraich stad air a-rithist. Ach chunnaic iad fear na sheasamh air cnoc mu choinneamh an taighe. Bha am fear sin choà rd ’s gun robh iad a’ faicinn Eilein Rùim eadar a chasan. Dh’fhalbh am famhair, a’ coiseachd air uachdar na mara gu ruige Rùm. Bhon uair sin tha an linne eadar Canaighis Rùm air a bhith air leth garbh.
Nuair a chaochail Dòmhnall Dubh thà inig droch shìde. Bha a dhust glaiste annan Canaigh airson seachd seachdainean – dìreach mar a dh’iarr an sagart. Mu dheireadh thall, rà inig a chiste an Tobha Mòr ann an Uibhist far an robh seann chladh Chloinn Raghnaill. ’S iomadh ball de Chloinn Raghnaill a chaidh a thiodhlacadh an sin, agus cha b’ e Dòmhnall Dubh am fear a b’ fheà rr dhiubh.

Faclan na Litreach
Eilean Chanaigh: the Isle of Canna; An Corra-dhùn: Coroghan(Castle); Dòmhnall Dubh na Cuthaig: Black Donald of the Cuckoo; fuaim: noise,sound; muile-mhà gag: toad; mac banntraich: a widow’s son; famhair: giant.
Abairtean na Litreach
a’ tuiteam às a chèile: falling to pieces; chùm fear de chinnchinnidh Chloinn Raghnaill a bhean na prìosanach ann: one of the chiefs of Clanranald kept his wife a prisoner there; nam biodh cuideigin a’ cur dragh air: if somebody were annoying him; bhiodh e a’ maoidheadh air: he would threaten him; gun cuireadh e a’chuthag an sàs na aghaidh: that he would use the cuckoo against him; chaidh X agus an sagart a-mach air a chèile: X and the priest fell out; bha ainmhidh annasach a’ leantainn a’ bhà ta: a strange animal was following the boat; air mullach gach stuaigh: on the crest of each wave; gun rachadh am bà ta fodha: that the boat would sink; dh’iarr e air a’ chreutair thighinn air bòrd: he asked the creature to come aboard; mu choinneamh an taighe: opposite the house; a’ coiseachd air uachdar na mara: walking on the surface ofthe sea; rà inig a chiste an Tobha Mòr: his coffin reached Howmore; ’s iomadh ball de X a chaidh a thiodhlacadh an sin: many members of X were buried there; cha b’ e X am fear a b’ fheà rr dhiubh: X was not the best of them.
Puing-chĂ nain na Litreach
biodh do dhust an seo gun a bhith air a thiodhlacadh a cheart cho fada ’s a chùm thu mise ann: you might not find it easy to locate the word dust in a Gaelic dictionary. It is used euphemistically in some dialects for human remains or a human body following death. The word corp is acceptable in some places, where dust is not used at all. But in other communities you would say dust Dhòmhnaill for “Donald’s remains” not corp Dhòmhnaill. If you live in a traditional Gaelic speaking area, find out what people there say. If you don’t, ask your teacher’s advice. The sentence in the Litir means “let your body remain here without being buried for as long as you kept me [here].”
Gnathas-cainnt na Litreach
Thug Dòmhnall Dubh clà r fiodha a-mach às gach bà ta anns an eilean: Black Donald took a wooden plank out of every boat on the island. Clà r has many meanings (perhaps too many!), including several types of flat surface or object. Clà r fiodha here is a wooden plank in a boat.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 27 Nov 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.