Main content

11/12/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 11 Dec 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 545
Duration: 05:34
Litir 545: Clach Mhic Mhìos
An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Bun Ilidh ann an Cataibh. An-diugh, agus anns na beagan seachdainean romhainn, bu mhath leam ur toirt air chuairt tro Chataibh is Gallaibh is Dùthaich MhicAoidh, agus sinn a’ toirt sùil air eisimpleirean de bheul-aithris bho na sgìrean sin.
Bu mhath leam tòiseachadh ann an Cataibh ann an Gleann Loth. Tha an gleann sin a’ ruigsinn a’ chladaich beagan deas air Bun Ilidh. Ann an Gleann Loth tha tursa –sin clach a tha na seasamh leatha fhèin, a’ stobadh a-mach às an talamh. Tha a’ chlach seo gu math mòr is drùidhteach. Tha i suidhichte air leathad os cionn a’ ghlinne. ’S e an t-ainm a th’ oirre Clach Mhic Mhìos. Sin M-H-I-O-S. Clach Mhic Mhìos.
Nise, chan eil mi cinnteach dè is ciall don ainm sin. Ach, anns an sgìre sin, thathar a’ cumail a-mach gu bheil e a’ ciallachadh “the stone of the month-old son”. Clach MhicMhìos. Agus seo an stòiridh a thathar ag innse, a tha a’ mìneachadh mar a fhuair i a h-ainm.
Bha gort ann uaireigin. Cha robh biadh gu leòr aig na daoine. Choisich boireannach a bha seo suas Gleann Loth don Ă ite iomallach sin, leis an amas a leanabh fhĂ gail ann. Bha cĂąisean cho duilich dhaibh ’s nach robh biadh gu leòr aca airson an leanabh a chumail beò. Feumaidh gun robh an gille mìos a dh’ aois. Chuir am boireannach an leanabh air an fhraoch. Gun a bhith a’ coimhead Ă s adèidh, ruith i air falbh a dh’ ionnsaigh na beinne a b’ fhaisge – Beinn Mhealaich. Gu h-obann, chuala i, air a cĂąlaibh, sgreuchail mar gun robh fearg air cuideigin. Chaidh clachmhòr a thilgeil – le cuideigin no rudeigin.Â
Thuit a’ chlach don talamh faisg air a’ bhoireannach. Is tha a’ chlach fhathast ann – na seasamh an à irde. Agus dè thachair don bhoireannach? Uill, chan eil cuimhne aig duine.
Mus fhà g sinn sgìre Bhun Ilidh, seo agaibh naidheachd bheag mu chroitear ann an Srath Chill Donain a bha ri mèirle. Bhiodh e a’ goid fhà dan bho na cruachan-mònach aig croitearan eile anns an t-srath. Ach bha e seòlta. Bhiodh e dìreach a’ goid fhà dan bho na cruachan a b’ fhaide air falbh bho na taighean. Mar sin, chan fhaca duine e. Bha cuid de na croitearan dhen bheachd gur e rud os-nà darrach a bh’ ann, agus gur iad na sìthichean a bha ri mèirle. Air sà illibh sin, cha do rinn iad dad mu dheidhinn.
Ach bha aon chroitear eadar-dhealaichte bho chà ch. Cha robh esan a’ creidsinn gur e rud os-nà darrach a bh’ ann idir. Bha esan dhen bheachd gur e cuideigin às an à ite fhèin a bu choireach. Chuir e plana an gnìomh airson an duine sin aithneachadh is a pheanasachadh.
Chaidh e don chruaich-mhònaich a b’ fhaide air falbh bhon taigh aige. Thug e a-mach grunn fhà dan. Thug e am meadhan a-mach às na fà dan. Agus chuir e fùdar-gunna a-steach don toll anns gach fear aca. Chuir e air ais anns a’ chruaich iad. Taobh a-staigh beagan là ithean, mhothaich an croitear gun robh cuid de na fà dan a dhìth.
Air an oidhche sin, bha am mèirleach na shuidhe an tac an teine. Thilg e fà d no dhà don teine. Gu h-obann bha spreadhadh mòr ann. Chaidh cliath an teine a thilgeil a-mach air doras an taighe. Ma thuirt am mèirleach dad, feumaidh gur e “Breitheanas an Tighearna” a bh’ ann! Agus cha do ghoid e aon fhà d eile airson a chòrr de a bheatha!

Faclan na Litreach
Bun Ilidh: Helmsdale; Cataibh: Sutherland, particularly East Sutherland; Gallaibh: Caithness; Dùthaich MhicAoidh: The Mackay Country (of N Sutherland); Gleann Loth: Glen Loth; tursa: standing stone; gort: famine; seòlta: cunning; spreadhadh: explosion.
Abairtean na Litreach
clach a tha na seasamh leatha fhèin: a stone that is standing by herself; dè is ciall don ainm sin: what that name means; an stòiridh a thathar ag innse :the story that is told; leis an amas a leanabh fhà gail ann: with the aim of leaving the baby there; gun a bhith a’ coimhead às a dèidh: without looking after (behind) her; sgreuchail mar gun robh fearg air cuideigin: screaming as if somebody were angry; bhiodh e a’ goid fhà dan bho na cruachan-mònach aig croitearan eile: he would steal peats from the peat-stacks of other crofters; a b’ fhaide air falbh bho na taighean: farthest away from the houses; gur iad na sìthichean a bha ri mèirle: that it was the fairies that were doing[the] stealing; gur e cuideigin às an à ite fhèin a bu choireach: that it was somebody from the place itself who was responsible; chuir e plana an gnìomh airson an duine sin aithneachadh is a pheanasachadh: he set in train a plan to identify and punish that person; chuir e fùdar-gunna a-steach don toll: he put gunpowder into the hole; gun robh cuid de na fà dan a dhìth: that some of the peats were missing; chaidh cliath an teine a thilgeil a-mach air doras an taighe: the fire-grate was thrown out of the house’s door;feumaidh gur e “Breitheanas an Tighearna” a bh’ ann: it must have been “The Judgement of the Lord”; airson a chòrr de a bheatha: for the rest of his life.
Puing-chĂ nain na Litreach
seo agaibh naidheachd bheag mu chroitear ann an Srath Chill Donain a bha ri mèirle: here’s a wee anecdote about a crofter in the Strath of Kildonan who was thieving. We think of naidheachd as meaning “news” (eg pà ipear-naidheachd, na naidheachdan on the radio) and indeed that is the origin of the word – nuaidheachd, related to nuadh (“new”); nuaidheachd is to be found in Dwelly’s dictionary, and the modern Irish is nuacht, which retains the older vowel sound. But naidheachd in casual conversation is also used to mean “tidings” or “anecdote”. “Tha naidheachd agam dhut” might mean “I have news for you” or “I have an anecdote to tell you”. Of course, it might simply be worthless gossip!
Gnathas-cainnt na Litreach
gur e rud os-nà darrach a bh’ ann: that it was a supernatural occurrence.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 11 Dec 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.