Main content

18/12/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 18 Dec 2009
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 546
Duration: 05:33
Litir 546: Na Trì Snaidhmeannan
Tha sinn a’ leantainn air ar cuairt tro Chataibh is Gallaibh, stèidhichte air stòiridhean à beul-aithris anns na diofar sgìrean. Tha sinn an-diugh air a dhol thar crìoch Ghallaibh –gu sgìre Dhùn Bheithe. Tha mòran de dhualchas na sgìre seo stèidhichte air dualchas nan Gà idheal oir bha a’ Ghà idhlig ga bruidhinn ann fad ùine mhòr. Agus seo agaibh stòiridh air a bheil Na Trì Snaidhmeannan. Tha snaidhmeannan a’ dol air ais fada ann an dualchas nan Ceilteach. Agus bha an à ireamh trì rudeigin naomh do na seann Cheiltich. Tha an stòiridh seo a’ tòiseachadh ann an Liabost – ’s e sin a’ Ghà idhlig air Lybster – baile beag ann an taobh an earra-dheas Ghallaibh.
Thachair e ann am meadhan an naoidheamh linn deug nuair a bhathar ag iasgach an sgadain. Chaidh bà ta à Liabost gu ruige Port Mo Cholmaig ann an Siorrachd Rois airson clà ran-baraille a cheannach. Bha cùbairean anns gach port a’ dèanamh nam baraillean anns an cuireadh na h-iasgairean an sgadan. Nuair a dh’fhà g na h-iasgairean Liabost, bha an aimsir math agus lean i mar sin fad na slighe gu ruige Port Mo Cholmaig.
Nise, nuair a chanas mi gun robh an aimsir math, chan eil mi a’ ciallachadh gun robh i ciùin. ’S ann le bhith a’ seòladh a bha na bà taichean-iasgaich a’ falbh aig an à m sin, agus bha iad feumach air beagan gaoithe.
An ath latha, chuir iad an cargu air a’ bhà ta agus rinn iad deiseil airson falbh air an là rna-mhà ireach. Ach thairis air an oidhche, shocraich a’ ghaoth. Anns a’ mhadainn bha fèath nan eun ann. Bha an sgiobair – fear air an robh Seumas mar ainm – mì-thoilichte. Bha e ag iarraidh a bhith air ais aig an taigh, agus a bhith ag iasgach. Bha Seumas a’ bruidhinn mun chùis ri caraid dha ann am Port Mo Cholmaig. Thuirt a charaid gum bu chòir dha dhol a bhruidhinn ri bana-bhuidseach a bha a’ fuireach faisg air là imh. Dh’fheumadh e leth-chrùn a thoirt dhi. Chaidh Seumas gu taigh na banabhuidsich. Bha fios aice mu thrà th dè bha a dhìth air.
Thug i dha pìos snà ithlein anns an robh trì snaidhmeannan. Agus thug i òrdughan dha air na dh’fheumadh e dhèanamh. “Nuair a tha sibh a’ falbh,” thuirt i, “fuasgail a chiad shnaidhm. Thig beagan gaoithe airson ur cur a dol. Nuair a tha sibh pìos math air falbh aig muir, fuasgail an dà rna snaidhm agus thig barrachd gaoithe airson ur toirt dhachaigh gu luath. Ach na fuasgail – air chor sam bith – an treas snaidhm.”
Bha Seumas gu math toilichte. Dh’fhalbh e don chala agus rinn e deiseil airson falbh dhachaigh a Liabost. Nuair a bha aodach a’ bhà ta deiseil, dh’fhuasgail Seumas a’ chiad shnaidhm. Dh’èirich a’ ghaoth beagan bhon iar-dheas agus lìon i na siùil. Sheòl iad gu snog a-mach à cala Phort Mo Cholmaig.
Nuair a bha iad letheach-slighe air an rathad dhachaigh, dh’fhuasgail Seumas an dà rna snaidhm. Dh’fhàs a’ ghaoth na bu là idire agus chaidh am bà ta na bu luaithe buileach. Nuair a bha iad faisg air Liabost, dh’iarr gille dhen chriutha air Seumas an treas snaidhm fhuasgladh. A dh’aindeoin na thuirt a’ bhana-bhuidseach, dh’fhuasgail Seumas an treas snaidhm. Cho luath ’s a rinn e sin, thionndaidh a’ ghaoth, dh’èirich i gu ìre gèile agus chaidh am bà ta a sguabadh a-mach gu muir. Cha robh roghainn aig Seumas an uair sin ach am bà ta a stiùireadh air ais gu Port Mo Cholmaig – am port a dh’fhà g iad deich uairean a thìde roimhe.

Faclan na Litreach
naomh: sacred; Liabost: Lybster; clĂ ran-baraille: staves for barrels; cĂąbairean: coopers; ciĂąin: calm; cargu: cargo; letheach-slighe: halfway; roghainn:choice.
Abairtean na Litreach
thar crìoch Ghallaibh – gu sgìre Dhùn Bheithe: over the borderof Caithness – to the area of Dunbeath; Na Trì Snaidhmeannan: The Three Knots; dualchas nan Ceilteach: the heritage of the Celts; nuair a bhathar ag iasgach an sgadain: when the herring were being fished; gu ruige Port Mo Cholmaig: to Portmahomack; anns an cuireadh na h-iasgairean an sgadan: in which the fishermen would put the herring;lean i mar sin fad na slighe: it continued like that all the way; ’s ann le bhith a’ seòladh a bha na bà taichean-iasgaich a’ falbh: it is by sailing that the fishing boats would move; air an là rna-mhà ireach: [on] the next day; shocraich a’ ghaoth: the wind subsided; gum bu chòir dha dhol a bhruidhinn ri bana-bhuidseach: that he should go and speak to a witch; dh’fheumadh e leth-chrùn a thoirt dhi: he would need to give her a half-crown; bha fios aice mu thrà th dè bha a dhìth air: she already knew what he needed; pìos snà ithlein anns an robh trì snaidhmeannan: a piece of thread in which there were three knots; thug i òrdughan dha air na dh’fheumadh e dhèanamh: he gave him orders on what he needed to do; fuasgail a chiad shnaidhm: loosen the first knot; thig barrachd gaoithe: more wind will come; aodach a’ bhà ta: the boat’s sails; dh’èirich a’ ghaoth beagan bhon iar-dheas: the wind arose a little from the south-west; lìon i na siùil: it filled the sails; gu ìre gèile: to gale force; chaidh am bà ta a sguabadh a-mach gu muir: the boat was driven out to sea; deich uairean a thìde roimhe: ten hours before.
Puing-chĂ nain na Litreach
fèath nan eun: conditions of complete tranquility. One of the things I love about the Gaelic language is its strong links to the environment around us. If you have been out in a boat in summer off the west coast when there is absolutely no wind, you will have noticed how the seabirds just sit around on the water, often in large groups – and it is easy to get close to them. This is fèath nan eun – “the calmness of the birds”. It’s a lovely expression. Fèath can be used on its own (eg thà inig fèath oirnn – we were becalmed) but fèath nan eun is even calmer!
Gnathas-cainnt na Litreach
air chor sam bith: under any circumstance.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcast
- Fri 18 Dec 2009 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.