Main content

21/12/2009
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.
Last on
Mon 21 Dec 2009
19:00
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
An Litir Bheag 241
Duration: 03:37
An Litir Bheag 241
An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Bun Ilidh. Tha sin ann an Cataibh. Tha sinn a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh. Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu rudeigin a thachair ann an Srath Chill Donain. Chan eil mi cinnteach cuin a thachair e. Tha e a’ tighinn bho bheul-aithris. Cha robh na croitearan a’ cleachdadh gual anns na teintean aca. Bha iad a’ cleachdadh mòine. Bha iad a’ buain na mònach. Bha iad a’ cumail  nam fà dan – na pìosan mònach tioram – ann an cruachan. Bha na cruachan faisg air na taighean aca. Ach bha aon chroitear na mhèirleach. Bha e a’ goid nam fà dan bho na croitearan eile. Bha e seòlta, ge-tà . Cha robh e a’ goid bho na cruachan faisg air na taighean. Bha e a’ goid fhà dan dìreach bho na cruachan nach robh faisg air na taighean. Agus chan fhaca duine e.  Bha cuid de na croitearan a’ smaoineachadh gur e rud os-nà darrach a bha ann. Bha iad a’ smaoineachadh gur iad na sìthichean a bha ri mèirle. Air sà illibh sin, cha do rinn iad dad mu dheidhinn. Ach bha aon chroitear eadar dhealaichte bho chà ch. Cha robh esan a’ creidsinn gur e rud os-nà darrach a bha ann. Bha esan dhen bheachd gur e cuideigin às an à ite fhèin a bha ri mèirle. Chuir e plana an gnìomh. Bha e ag iarraidh faighinn a-mach cò bha ann. Chaidh e don chruaich a b’ fhaide air falbh bhon taigh aige. Thug e a-mach grunn fhà dan. Thug e am meadhan a-mach às na fà dan. Chuir e fùdar-gunna anns na tuill. Chuir e na fà dan air ais anns a’ chruaich. Taobh a-staigh beagan là ithean, mhothaich e gun robh cuid de na fà dan a dhìth. Bha am mèirleach air a bhith ann. Air an oidhche sin, bha am mèirleach na shuidhe aig an teine. Thilg e fà d no dhà don teine. Bha spreadhadh mòr ann. Bha am mèirleach fortanach nach robh e air a mharbhadh. Bha e a’ smaoineachadh gur e “Breitheanas an Tighearna” a bha ann! Agus cha do ghoid e aon fhà d eile airson a chòrr de a bheatha!
The Little Letter 241
Last week we were in Helmsdale. That’s in [East] Sutherland. We’re staying in that area today. I want to tell you about something that happened in the Strath of Kildonan. I’m not sure when it happened. It comes from oral tradition. The crofters weren’t using coal in their fires. They were using peat. They were cutting the peat. They were keeping the “peats” – the dry pieces of peat – in stacks. The stacks were near their houses. But one crofter was a thief. He was stealing the peats from the other crofters. He was cunning, however. He wasn’t stealing from the stacks near the houses. He was stealing peats only from the stacks that were not near the houses. And nobody saw him. Some of the crofters were thinking that it was a supernatural thing. They were thinking that it was the fairies that were thieving. Because of that, they didn’t do anything about it. But one crofter was different from the others. He wasn’t believing that it was a supernatural thing. He was of the opinion that it was somebody from the place itself that was thieving. He put a plan into action. He was wanting to find out who it was. He went to the stack furthest from his house. He took out several peats. He took the middle out of the peats. He put gunpowder in the holes. He put the peats back in the stack. Within a few days, he noticed that some of the peats were missing. The thief had been there. That night, the thief was sitting by the fire. He threw a peat or two into the fire. There was a big explosion. The thief was lucky that he wasn’t killed. He was thinking that it was “The Judgement of the Lord”! And he never stole another peat for the rest of his life!Â
Broadcast
- Mon 21 Dec 2009 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.