
12/03/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 556
Duration: 04:45
Litir 556 - CĂ rn na Cuimhne
Bha mi a’ coimhead an latha eile air mapa eileagtronaigeach de dh’Alba air là rach-lìn Leabharlann Nà iseanta na h-Alba. Chaidh am mapa a dhèanamh eadar seachd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1747) agus seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755) le Uilleam Roy.
Thogadh Roy ann an Siorrachd Lannraig. Bha e anns an arm Hanobhèirianach aig à m Ar-a-mach nan Seumasach. Nuair a bha an t-ar-a-mach seachad, chuir ceannardan an riaghaltais romhpa cairt-dùthcha math a bhith aca de dh’Alba. B’ e sin a’ chiad mhapa a bha stèidhichte air na prionnsabalan tomhais-fearainn as aithne dhuinn an-diugh. Cha robh loidhnichean coà irde air ach bha rudan anns na h-à iteachan ceart, gu h-à raidh na bailtean.
Bha ùidh mhòr aig Roy ann an gnothaichean cogaidh. Rinn e tòrr rannsachaidh air na seann champaichean Ròmanach ann an ceann a deas na h-Alba. Mar sin, bha mi airson faighinn a-mach an robh à ite clà raichte aige ann am Brà igh Mhà rr. ’S e an t-à ite Cà rn na Cuimhne. Ann am Beurla uaireannan ’s e Carnaqueen a chanas daoine, no The Cairn of Remembrance. Tha e ri taobh Uisge Dè ann an seann Ghà idhealtachd Siorrachd Obar Dheathain.
Bha mi air gu leòr a chluinntinn mu Chà rn na Cuimhne oir tha e rudeigin ainmeil ann am beul-aithris. Ach, o chionn ghoirid, fhuair mi an cothrom a dhol a choimhead air. Feumaidh tu coiseachd pìos mòr ri taobh na h-aibhne mus ruig thu an cà rn.
A rèir beul-aithris, mus rachadh Clann ’ic Fhearchair gu cath, bhiodh fir na fine a’ coinneachadh aig a’ chà rn. Bhiodh a h-uile duine a bha a’ dol a shabaid a’ togail clach às an abhainn. Chuireadh e a chlach air a’ chà rn. Nuair a thigeadh na saighdearan dhachaigh an dèidh a’ chatha, bhiodh iad a’ togail clach bhon chà rn is a tilleadh don abhainn. Bhiodh fios an uair sin cia mheud duine a chaidh a mharbhadh. B’ e sin à ireamh nan clach a bh’ air fhà gail air a’ chà rn.
Chan eil fhios dè cho sean ’s a bha an cleachdadh. Tha cuid dhen bheachd gun do thòisich e o chionn fhad an t-saoghail is gur e muinntir na sgìre air fad a bha an sàs ann is chan e Clann ’ic Fhearchair a-mhà in. Agus cuin a thà inig e gu ceann? Uill, tha cuid ag rà dh gur ann ri linn Mhontròis a sguir e. Bha sin ceud bliadhna mus robh Uilleam Roy a’ clà radh Alba. Chan eil fhios a’m le cinnt a bheil sin fìor gus nach eil.
Gu mì-fhortanach, chan eil Cà rn na Cuimhne air mapa Roy. Tha rudan eile faisg air là imh air a’ mhapa, agus tha cuid dhiubh dìreach mar a tha iad an-diugh – mar eisimpleir
Ballachlaggan (no Bail’ a Chlaiginn) agus Tullochcoy (no Tulach Gaoithe). Ach chan eil sgeul air Cà rn na Cuimhne.
Ach an e “CĂ rn na Cuimhne” a bu chòir a bhith air? Anns an leabhar aca, The Place Names of Upper Deeside, tha Adhamh MacBhĂ tair agus Ealasaid NicAilein ag rĂ dh gur e CĂ rn na Coinneimh a bh’ air bho thĂąs oir ’s ann aig a’ chĂ rn a bhiodh na saighdearan a’ coinneachadh aig Ă m catha. Mus rachadh iad a shabaid bhiodh iad ag èigheachd ainm a’ chĂąirn. Ge-tĂ , a rèir aithris, ’s e “CĂ rn na Cuimhne!” a dh’èigheadh iad seach “CĂ rn na Coinneimh!” Nach biodh e math a dhol air ais ann an eachdraidh is èisteachd ris na chanadh na daoine ann an dha-rìribh?Â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 12 Mar 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 13 Mar 2010 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.