Main content

26/03/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Sat 27 Mar 2010
10:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 588
Duration: 05:22
Litir 558: An lioncs
An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun lioncs agus mar a tha fianais ann gun robh e beò ann am Breatainn anns a’ chiad mhìle bliadhna às dèidh Chrìosda. Tha e coltach gur e call nan coilltean a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Bidh lioncsaichean ag ithe fèidh – earbaichean mar as trice. Nuair a dh’fhalbh na coilltean, airsgà th mac an duine (rud a thòisich ann an Linn Ùr na Cloiche), dh’fhalbh na h-earbaichean leotha.
Ge-tà , anns an fhicheadamh linn, chaidh mòran choilltean a chur ann an Alba. A bheil sin a’ ciallachadh gu bheil an à rainneachd a-nise freagarrach airson an lioncs? Uill, tha e coltach gur e freagairt na ceiste sin – tha. Ann an Alba, tha còrr is fichead mìle cilemeatair ceà rnagach de choille fhreagarrach, a’ chuid as motha dhith air a’ Ghà idhealtachd. Thathar a’ tomhas gum b’ urrainn ceithir cheud lioncs a bhith beò innte. Eadhon ann an droch gheamhradh, thathar a’ dèanamh dheth gum biodh an à ireamh sin mòr gu leòr airson dèanamh cinnteach gum maireadh an lioncs beò anns an ùine fhada.
Tha an lioncs a’ toirt buaidh air an à rainneachd. Bidh e a’ lughdachadh na th’ ann de dh’earbaichean (agus fèidh Sika). Tha sin a’ leigeil le craobhan òga fà s. Dh’fhaodadh lioncsaichean a bhith glè mhath do choilltearachd agus do nà darrachd na h-à rainneachd.
Am biodh an lioncs a’ cur ainmhidhean Albannach ann an cunnart? Uill, anns a’ chiad dol a-mach cha bhi iad a’ toirt ionnsaigh air daoine. Tha iad a’ cumail air falbh bho dhaoine mar as fheà rr as urrainn dhaibh. Rinneadh rannsachadh thar bhliadhnaichean air lioncsaichean anns an Eilbheis. A-mach à sia ceud beathach a mharbh iad, cha robh ann ach aon chapall-coille. Bha trithead ’s a seachd sionnaich ann, ge-tà . Bhiodh an lioncs gu ìre a’ cumail smachd air sionnaich. Agus dè mu dheidhinn a’ chait fhiadhaich? Uill, tha na h-eòlaichean ag innse dhuinn nach bi iad a’ farpais an aghaidh a chèile airson biadh. Bho à m gu à m, bidh lioncs a’ marbhadh cat fiadhaich. Ach thathar dhen bheachd gum biodh e na bu choltaiche gum marbhadh iad cat taighe – an rud as motha a tha a’ cur a’ chait fhiadhaich ann an cunnart ann an Alba.
Agus dè mu dheidhinn caoraich? ’S e Nirribhidh an aon dùthaich anns an RoinnEòrpa anns a bheil lioncsaichean a’ marbhadh mòran chaorach – eadar còig is deich mìlegach bliadhna. Ach, ’s e as coireach ri sin gum bi na caoraich a’ falbh do na coilltean gunchìobaireachd. Far a bheil caoraich anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am pà ircean, mar a bhitheadh ann an Alba, chan eil an suidheachadh faisg air a bhith cho dona.
Anns an Eilbheis, leis gu bheil iad a’ tuigsinn mar a tha an lioncs a’ sealg, tha na tuathanaich air a bhith an sàs ann an cìobaireachd nas èifeachdaiche. Agus chithear sin anns na figearan. O chionn deich bliadhna chaill tuathanaich na h-Eilbheis faisg air dà cheud caora sa bhliadhna. O chionn ceithir bliadhna chaill iad dìreach còig-deug.
Anns na Beanntan Harz anns a’ Ghearmailt thathar a’ cleachdadh ìomhaigh an lioncs gu mòr airson luchd-turais a thà ladh ann. Dh’fhaodadh an aon rud tachairt ann an Alba. ’S e mac an duine a chuir às don lioncs anns an dùthaich seo. Nach bu chòir domhac an duine a bhith co-dhiù a’ beachdachadh air a thoirt air ais?

Faclan na Litreach
lioncs: lynx; fianais: evidence; An Eilbheis: Switzerland; capallcoille; capercaillie; Nirribhidh: Norway; cìobaireachd: shepherding; nas èifeachdaiche: more effective; A’ Ghearmailt: Germany.
Abairtean na Litreach
anns a’ chiad mhìle bliadhna às dèidh Chrìosda: in the first millennium after Christ; gur e call nan coilltean a chuir às don lioncs: that it was the loss of the forests that caused the extinction of the lynx; air sgà th mac an duine: because of humans; Linn Ùr na Cloiche: Neolithic times; dh’fhalbh na h-earbaichean leotha: the roedeer left with them; chaidh mòran choilltean a chur: many forests were planted; gu bheil an à rainneachd a-nise freagarrach: that the environment is now suitable; fichead mìle cilemeatair ceà rnagach de choille fhreagarrach: 20,000 km2 of suitable forest; gum b’urrainn ceithir cheud lioncs a bhith beò innte: that 400 lynx could live there; gum maireadh an lioncs beò anns an ùine fhada: that the lynx would survive in the long term;tha sin a’ leigeil le craobhan òga fà s: that allows young trees to grow; glè mhath do choilltearachd agus do nà darrachd na h-à rainneachd: good for forestry and the natural qualities of the environment; a’ cumail smachd air sionnaich: controlling foxes; nach bi iad a’ farpais an aghaidh a chèile: that they don’t compete with [against] each other; gum marbhadh iad cat taighe: that they would kill a domestic cat; anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am pà ircean: on the open hill or in big fields; thathar a’ cleachdadh ìomhaigh an lioncs airson luchd-turais a thà ladh ann: they use the image of the lynx to attract tourists there; dh’fhaodadh an aon rud tachairt: the same thing could happen; nach bu chòir do mhac an duine a bhith co-dhiù a’ beachdachadh air a thoirt air ais?: shouldn’t humans at least consider reintroducing them?
Puing-chĂ nain na Litreach:
dè mu dheidhinn a’ chait fhiadhaich?: what about the wildcat? You will note that cat here is in the genitive (singular) case following the compound preposition mu dheidhinn. Fiadhaich is lenited because it follows the example set by the noun cat. Contrast it to this example: dè mu dheidhinn caoraich? (what about sheep?) Here the noun is in the nominative plural case. The difference (in modern Gaelic) is that the older model of employing the genitive following a compound preposition is generally only adhered to where the article is present. Where it is not present we more commonly use the nominative form. Older Gaels would have said dè mu dheidhinn chaorach? using the indefinite genitive plural.
Gnathas-cainnt na Litreach
Tha iad a’ cumail air falbh bho dhaoine mar as fheà rr as urrainn dhaibh: they keep away from people as best they can.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 26 Mar 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 27 Mar 2010 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.