
07/05/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 564
Duration: 05:03
Litir 564: Hannibal
Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu dhiofar fhaclan airson ailbhean ann an Gàidhlig, agus mar a chunnaic Ceiltich na creutairean Afraganach sin nuair a chaidh arm Hannibal tarsainn nan Ailpean gu ruige an Ròimh anns an treas linn ro Chrìosd. Bha mi a’ leughadh seann phàipear ann am Fraingis, air an robh Les Celtes et Les Éléphants. B’ e an t-ùghdar H Gaidoz, Àrd-ollamh a’ Chruinn-eòlais agus Sluagh-eòlais anns an École des Sciences Politiques ann am Paris.
Ach cha b’ e cogadh Hannibal an aon turas a bha ailbheanan air an cleachdadh ann am batail. Timcheall àm Hannibal bha cath mòr anns an Ear-mheadhanach eadar na h-Èiphitich fo Ptolemy agus na Seleucidich fo Antiochus. Bha na ficheadan de dh’ailbheanan Afraganach aig Ptolemy agus na ficheadan de dh’ailbheanan Àisianach aig Antiochus. Ged a tha an fheadhainn Afraganach nas motha nan fheadhainn Àisianach, a rèir aithris bha an fheadhainn Àisianach na b’ fheàrr ann an sabaid. A dh’aindeoin sin, ge-tà, ’s e Ptolemy a thug buaidh.
Agus dh’fhuiling Ceiltich a-rithist buaidh nan ailbheanan ann an cogadh. Ceud bliadhna às dèidh Hannibal, timcheall na bliadhna ceud, fichead ’s a h-aon (121) RC, chuir na proconsulan Ròmanach, Domitius Ahenobarbus agus Quintus Fabius Maximus, arm gu ruige ceann a deas na Gaille. Anns an sgìre sin bha treubh làidir Ceilteach a’ seasamh an aghaidh cumhachd na Ròimhe. B’ iad sin na h-Arverni fo cheannas an rìgh, Bituitus.
Rinn na Ròmanaich a’ chùis air na Ceiltich agus thathar ag ràdh gur e gun robh ailbheanan-cogaidh aca a bu choireach. Chuir na creutairean mòra sin eagal air na Ceiltich. Nuair a bha e air Gallia Transalpina a cheannsachadh, chaidh Domitius air chuairt mhòir tron dùthaich air muin ailbhein.
Agus an do chleachd na Ròmanaich ailbheanan nuair a bha iad a’ ceannsachadh nan Ceilteach ann am Breatainn? Uill, chleachd, a rèir choltais. Tha am Proif. Gaidoz ag ràdh gun do chleachd Iulius Cesar iad. Ràinig na Ròmanaich abhainn far an robh arm Breatannach a’ dol a sheasamh nan aghaidh. Ach ghabh na Breatannaich eagal ro na h-ailbheanan is rinn na Ròmanaich a’ chùis. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh, ge-tà, nach e Cesar a chuir ailbheanan-cogaidh gu feum ann am Breatainn ach an t-Ìmpire Claudius anns a’ bhliadhna 43 AC nuair a ghabh na Ròmanaich smachd air Camulodunum, far a bheil Colchester an-diugh.
An uair sin tha am Proif. Gaidoz a’ sgrìobhadh rudeigin car inntinneach. Gabhaibh mo leisgeul ma leughas mi an toiseach e anns an Fhraingis thùsail: Par un singulier contraste, les descendants de ces Bretons, les Anglais, sont aujourd’hui la seule puissance européene qui ait des éléphants dans son armée. Tuigidh sibh mar a bhiodh cuid anns an Roinn Eòrpa a’ coimhead air Breatannaich agus Sasannaich mar co-ionann ri chèile! Co-dhiù, tha e ag ràdh gur iad Breatannaich an naoidheamh linn deug an aon fheadhainn Eòrpach a bha a’ cleachdadh ailbheanan anns an arm aca. Bha e a’ ciallachadh arm Bhreatainn anns na h-Innseachan.
Anns an rosgrann mu dheireadh tha am Proif. Gaidoz ag ràdh gum b’ e sin la revanche des Celtes sur les Éléphants – dìoghaltas nan Ceilteach air na h-Ailbheanan. Mmm. Chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
dìoghaltas nan Ceilteach air na h-Ailbheanan: the revenge of the Celts on the Elephants.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 7 May 2010 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 8 May 2010 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.