Main content

31/05/2010
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.
Last on
Mon 31 May 2010
19:00
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
An Litir Bheag 264
Duration: 03:29
An Litir Bheag 264
Bha mi ann an dùthaich nan Sà mi ann an ceann a tuath na Suain. Bha sin aig à m na Cà isge am-bliadhna. Bha mi a’ sgitheadh tro dhùthaich anns am bi Sà mi a’ cumail fèidh-shneachda. Chunnaic mi dà fhiadh. Ach chunnaic mi grunn dhaoine Sà mi air sgutairean-sneachda. Thachair mi ri tè Shà mi. ’S e Lisa an t-ainm a tha oirre. Bha i a’ còcaireachd reindeerburgers! Bha iad blasta! Tha taigh-bìdh aig an teaghlach aice. Bha bratach nan Sà mi os cionn an dorais. Bha còmhradh laghach agam le Lisa. Tha Sà mais aice. Dh’innis i dhomh mun chà nan. Tha ceangal là idir aice don à rainneachd. Chaidh dìmeas mòr a dhèanamh oirre. Bha i air a cumail a-mach à foghlam fad ùine mhòr. Tha cùisean air atharrachadh – gu ìre. Tha corra sgoil a-nise a’ teagasg tro mheadhan na Sà mais. Tha seòrsa de phà rlamaid aca. Ach tha an cà nan aig beag-chuid de Shà mi an-diugh. Tha sin fìor eadhon ann an Nirribhidh far a bheil iad nas pailte. Tha cuid fhathast a’ dèanamh dìmeas air na Sà mi. Tha cuid de Shà mi, aig a bheil an cà nan, nach bruidhinn i ris a’ chloinn aca. Tha e rudeigin coltach ri Alba. ’S e sin a thuirt mi rithe. “Tha thu à Alba?” thuirt i. “Tha. An robh thu ann?” dh’fhaighnich mi. “Cha robh,” fhreagair i. “Ach ’s e uncail m’ athar a thug fèidh-shneachda a dh’Alba.” “Tha thu a’ ciallachadh Mikel Utzi,” thuirt mi. Chuala mi mu dheidhinn ach cha robh mi eòlach air. Thug e fèidh-shneachda don Mhonadh Ruadh ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952). Tha an treud ann fhathast. “An dearbh dhuine,” fhreagair i, “an dearbh dhuine.” Dh’èigh mi air bana-charaid às an Aghaidh Mhòir a bha cuide rium. “Trobhad seo,” thuirt mi rithe. “Feumaidh tu coinneachadh ris a’ bhoireannach seo.” Tha mo bhana-charaid pòsta aig fear a bha ag obair do Mhikel Utzi. Bha sin aig toiseach nan seasgadan. B’ e an obair aige buachailleachd nam fiadh-sneachda anns a’ Mhonadh Ruadh. Thà inig an dithis bhoireannach còmhla. Bha còmhradh laghach aca mu fhèidh is sneachd is beanntan.
The Little Letter 264
I was in the country of the Sámi in northern Sweden. That was at Easter time this year. I was skiing through country in which the Sámi keep reindeer. I saw two deer. But I saw several Sámi people on snow scooters. I met a Sámi woman. Her name is Lisa. She was cooking reindeerburgers! They were tasty! Her family has a restaurant. The Sámi flag was above the door. I had a nice conversation with Lisa. She speaks Sámi. She told me about the language. It has strong links to the environment. It was treated with disrespect. It was kept out of education for a long time. Things have changed – to a degree. They have several schools now which teach through the medium of Sámi. They have a sort of parliament. But [only] a minority of Sámi speak the language today. That’s even true in Norway where they are more numerous. Some Swedes still show disrespect to the Sámi. Some Sámi, who speak the language, do not speak it to their children. It’s rather like Scotland. That’s what I said to her. “You’re from Scotland?” she said. “Yes. Were you there?” I asked. “No,” she replied. “But it’s my father’s uncle who took reindeer to Scotland.” “You mean Mikel Utzi,” I said. I heard about him but I didn’t know him. He took reindeer to the Cairngorms in 1952. The herd is still there. “The very man,” she said, “the very man.” I shouted to a [female] friend from Aviemore who was with me. “Come here,” I said to her. “You must meet this woman.” My friend is married to a man who was working for Mikel Utzi. That was at the beginning of the sixties. His work was herding the reindeer on the Cairngorms. The two women came together. They had a nice conversation about deer and snow and mountains.
Broadcast
- Mon 31 May 2010 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.