Main content

28/06/2010
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.
Last on
Mon 28 Jun 2010
19:00
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
An Litir Bheag 268
Duration: 03:18
An Litir Bheag 268
Bha An t-Urramach Alexander Pope na mhinistear ann am Meaghrath anns an ochdamh linn deug. Tha Meaghrath ann an Gallaibh. Bha Gà idhlig aig Mgr Pope. ’S e coitheanal Gà idhlig a bha aige. ’S e duine là idir a bha ann. Bha bata aige. Bha e a’ cleachdadh a’ bhata air muinntir a’ choitheanail. Bha sin airson am “brosnachadh” a dhol don eaglais. Seo stòiridh mu dheidhinn. Chan urrainn dhomh a rà dh co-dhiù tha e fìor gus nach eil. Bha fear ann air an robh Dòmhnall mar ainm. Bha e a’ diùltadh a dhol don eaglais. Chaidh Mgr Pope a chèilidh air Dòmhnall. Rà inig e taigh Dhòmhnaill anmoch feasgar. Cha robh fios aig Dòmhnall cò bha ann. Fhuair e biadh is leabaidh ann an taigh Dhòmhnaill, ged as e srainnsear a bha ann. B’ e sin an cleachdadh aig an à m sin. Chuir an dithis am feasgar seachad còmhla. Bha iad ann an deagh shunnd. Bha seanchas gu leòr aca. Thà inig an t-à m airson a dhol a laighe. Thuirt Mgr Pope, “Feumaidh tu ùrnaigh a ghabhail, a Dhòmhnaill.” “Cha dèan mi sin,” fhreagair Dòmhnall. “Feumaidh tu,” thuirt Mgr Pope. “Bheir mi ort a dhèanamh, agus air do ghlùinean.” “Huh,” arsa Dòmhnall. “Cha b’ urrainn do eadhon Mgr Pope, am ministear, toirt orm ùrnaigh a ghabhail.” “Is mise Mgr Pope,” thuirt am ministear. “’S e peacach a tha annad. Tha mi a’ toirt òrdugh dhut dhol air do ghlùinean. Bha Dòmhnall feargach. Sheas e an aghaidh a’ mhinisteir. Rinn an dithis sabaid. ’S e Mgr Pope a thug buaidh. Ghèill Dòmhnall dha. Ghabh e ùrnaigh. Thà inig atharrachadh air Dòmhnall air an oidhche sin. Thòisich e air a dhol don eaglais. An ceann greis bha e na èildear. Bha spèis mhòr aige don mhinistear. Agus bha spèis mhòr aig a’ mhinistear dhasan.
The Little Letter 268
Rev Alexander Pope was a minister in Reay (parish) in the eighteenth century. Reay is in Caithness. Mr Pope spoke Gaelic. It was a Gaelic congregation he had. He was a strong man. He had a stick. He was using the stick on the people of the congregation. That was to “encourage” them to go to church. Here is a story about him. I can’t say if it’s true or not. There was a man called Donald. He was refusing to go to church. Mr Pope went to visit Donald. He reached Donald’s house late in the afternoon. Donald didn’t know who he was. He got food and a bed in Donald’s house, although he was a stranger. That was the custom at the time. The two men spent the evening together. They were in fine fettle. They had plenty of chat. The time came to go to bed. Mr Pope said, “You must say a prayer, Donald.” “I won’t do that,” replied Donald. “You must,” said Mr Pope. “I’ll force you to, and on your knees.” “Huh,” said Donald. “Not even Mr Pope, the minister, could make me say a prayer.” “I’m Mr Pope,” said the minister, “You’re a sinner. I’m ordering you to go on your knees. Donald was angry. He stood up to the minister. The two men fought. It’s Mr Pope that won. Donald yielded to him. He said a prayer. A change came over Donald that night. He started to go to church. After a while he became an elder. He had great respect for the minister. And the minister had great respect for him.
Broadcast
- Mon 28 Jun 2010 19:00ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.