
06/08/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 577
Duration: 05:00
Litir 577: Oidhche nan Seachd Suipearan
Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dh’fhaighnich mi dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan. Oidhche nan Seachd Suipearan. Uill, ’s e sin an oidhche as fhaide dhen bhliadhna, ann am meadhan a’ gheamhraidh. ’S dòcha aig an àm mus robh solas an dealain ann gum biodh an oidhche sin fada dha-rìribh.
Bha sinn a’ toirt sùil air abairt eile co-cheangailte ri seachd. B’ e sin Sìde nan Seachd Sian – the weather of the seven elements – aimsir fìor dhona. Uill, an latha eile, lorg mi seanfhacal mun aimsir anns a bheil iomradh air “sìde nan seachd sian”. Seo e: An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian. Ma tha tàirneanaich ann sa gheamhradh, thig deagh aimsir no fìor dhroch aimsir às a dhèidh. An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.
Thig tàirneanaich as t-samhradh cuideachd; gu dearbh, tha sinne air a’ Ghàidhealtachd nas buailtiche tàirneanaich fhaighinn as t-samhradh na tha sinn sa gheamhradh. Agus chanainn gu bheil e nas buailtiche tighinn feasgar seach sa mhadainn. Dè ur beachd fhèin air sin?
Co-dhiù bhiodh na seann daoine a’ mothachadh rudan mar sin. Agus tha dà sheanfhacal againn, a’ dèanamh ceangal eadar an t-àm dhen latha anns am biodh tàirneanaich ann agus an aimsir a bhiodh a’ leantainn air, ’s dòcha airson ùine mhòr. Seo an dà sheanfhacal air an cur còmhla: Tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Thunder in the afternoon, thunder of fertility and plenty; thunder before noon, thunder of famine and cold. Tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Bidh sinn an dòchas, ma bhios tàirneanaich ann a dh’aithghearr, gur ann feasgar a bhitheas e!
Co-dhiù bu mhath leam tilleadh airson mionaid no dhà don àireamh seachd. Tha i a’ nochdadh ann am mòran beul-aithris na Gàidhlig. Seo rann ainmeil a tha a’ tighinn à beul-aithris a tha làn dhen àireimh sin:
Seachd sgadain, àٳ bradain;
Seachd bradain, àٳ ròin;
Seachd ròin, àٳ muice-mara bhig;
Seachd mucan-mara beag, àٳ muice-mara mhòir;
Seachd mucan-mara mòr, àٳ cionnain-crò;
Seachd cionnain-crò, àٳ mial mhòr a’ chuain.
Tha àٳ a’ ciallachadh gu leòr de bhiadh a shàsaicheas creutair. Seachd sgadain, àٳ bradain – tha sin a’ ciallachadh “seven herrings, a full meal for a salmon”. Seachd bradain, àٳ ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, àٳ muice-mara bhig – “seven seals, a full meal for a small whale”, agus mar sin air adhart. Èistibh ris an rainn a-rithist. Saoil a bheil e a-mach air modail eageòlach?!
Seachd sgadain, àٳ bradain;
Seachd bradain, àٳ ròin;
Seachd ròin, àٳ muice-mara bhig;
Seachd mucan-mara beag, àٳ muice-mara mhòir;
Seachd mucan-mara mòr, àٳ cionnain-crò;
Seachd cionnain-crò, àٳ mial mhòr a’ chuain.
Dè th’ ann an DzԲԲ-ò? Uill, ’s e sin rud ris an canar ann am Beurla “the bull whale” – a’ mhuc-mhara a tha os cionn nam mucan-mara eile anns an sgaoth. Agus ’s e mial mhòr a’ chuain – the leviathan of the ocean. Chan eil mi cinnteach dè th’ ann ach, gu dearbh, ’s e a dhitheas gu leòr!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
an oidhche as fhaide dhen bhliadhna, ann am meadhan a’ gheamhraidh: the longest night of the year, in the middle of winter; aig an àm mus robh solas an dealain ann: at the time before electric light existed; anns a bheil iomradh air: which contains a reference to; an dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian: after winter thunder comes either good weather or terrible weather; nas buailtiche tàirneanaich fhaighinn as t-samhradh: more likely to get thunder in summer; bhiodh na seann daoine a’ mothachadh rudan mar sin: the old people would notice things like that; an t-àm dhen latha anns am biodh tàirneanaich ann: the time of day when thunder occurred; an aimsir a bhiodh a’ leantainn air: the weather that would follow it; tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir: thunder after noon, thunder of fertility and plenty; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd: thunder before noon, thunder of famine and cold; ma bhios tàirneanaich ann a dh’aithghearr, gur ann feasgar a bhitheas e: if we soon have thunder, that it will come in the afternoon; seachd mucan-mara beag, àٳ muice-mara mhòir: seven small whales, a full meal for a big whale; seachd mucan-mara mòr, àٳ cionnain-crò: seven big whales, a full meal for a bull whale; a bheil e a-mach air modail eageòlach?: is it expounding an ecological model?; mial mhòr a’ chuain: the leviathan or great serpent of the ocean.
Puing-chànain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Oidhche nan Seachd Suipearan: the longest night of the year [lit. the night of the seven suppers].
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 6 Aug 2010 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 7 Aug 2010 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.