
25/02/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 606
Duration: 05:00
Litir 606: Balgam Mòr
Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd Balgam Mòr. Bidh sibh a’ cuimhneachadh ’s dòcha gun robh treas Mac na Banntraich ag iarraidh nighean an Rìgh a phòsadh. Thog e long a bha comasach air seòladh air muir agus tìr. Fhuair e sgioba de dhaoine annasach – Lurga Luath, Claisneachd Mhath, Tòn Chruaidh agus Balgam Mòr. Agus bha e feumach air a chompanaich oir bha an Earchlais-Ùrlair nàimhdeil dha. Bha i a’ feuchainn ri stad a chur air a’ phòsadh.
Aig deireadh Litir na seachdain sa chaidh, thuirt an Earchlais-Ùrlair gu feumadh Mac na Banntraich torc nimhe a bha sa choille ubhal, a mharcachd beò, slàn gu doras Lùchairt an Rìgh. Dh’fhalbh Lurga Luath agus Tòn Chruaidh còmhla gu ruige a’ choille ubhal. Fhuair iad grèim air an torc. Thug iad an torc air ais beò, slàn gu doras na Lùchairt.
Dh’iarr Mac na Banntraich an uair sin air an Rìgh a nighean a thoirt dha. Ach a-rithist, cha robh e soirbheachail. Bha plana eile aig an Earchlais-Ùrlair. “Thoiribh cuireadh dha do dhinnear an-diugh,” thuirt i ris an Rìgh ann an còmhradh dìomhair. “Dèanaibh cinnteach gun suidh e air a’ chathair mhòir anns a bheil am bior nimhe. Cuiridh am bior nimhe às dha.” Ach chuala Claisneachd Mhath an còmhradh. Agus chaidh Tòn Chruaidh don dinnear mar ghille do Mhac na Banntraich.
Chuir an Rìgh fàilte is furan air Mac na Banntraich. Sheall e dha a’ chathair mhòr anns an robh am bior nimhe. Ach mus do shuidh Mac na Banntraich oirre, thuirt Tòn Chruaidh gun robh e na chleachdadh dha suidhe anns gach cathair air an robh a mhaighstir gu bhith a’ suidhe. Shuidh Tòn Chruaidh anns a’ chathair. Bhris e gach bior na phronnagan.
Bha dùil an uair sin aig Mac na Banntraich gum faigheadh e nighean an Rìgh mar bhean. Ach thuirt an Earchlais-Ùrlair nach fhaodadh sin tachairt. Bha plana eile aice. Bhruidhinn i ris an Rìgh ann an dìomhaireachd. Dh’inns i a plana ùr dha. Airson nighean an Rìgh fhaighinn, dh’fheumadh Mac na Banntraich an lochan uisge, a bha air mullach na beinne seilge, a thoirt gu lagan bòidheach a bha fa chomhair doras mòr na Lùchairt. Dh’aontaich an Rìgh ris a’ phlana.
“Tha mi a’ cluinntinn rudeigin,” thuirt Claisneachd Mhath.
“Dè tha thu a’ cluinntinn?” thuirt Mac na Banntraich. Agus mhìnich Claisneachd Mhath mun lochan air mullach na beinne seilge.
“Nì mise a’ chùis orra,” thuirt Balgam Mòr. “Ma tha iad feumach air uisgeachadh, ma dh’fhaodte gum faigh iad an sàth.”
Thug Balgam Mòr am monadh air. Bhiodh esan a’ srùbadh lochain is gan spùtadh a-mach a-rithist. Thòisich e air uisge a shrùbadh is a spùtadh. Bha gach nì mun chaisteal a-nise a’ snàmh ann an uisge. Mura stadadh an t-uisge, bhiodh gach nì mun Lùchairt air a mhilleadh gu tur.
Dh’iarr an Rìgh air Mac na Banntraich òrdugh a thoirt do Bhalgam Mòr gun tuilleadh uisge a dhòrtadh. Gheall e gum faigheadh e fhèin a nighean gu pòsadh air an oidhche sin fhèin.
Chaidh an Earchlais-Ùrlair a chur gu bàs leis gur i a bu chiontach ris an uisge a bha a’ milleadh gach nì. Phòs nighean an Rìgh agus Mac na Banntraich. Rinn an Rìgh banais mhòr dhaibh. Agus tha mi cinnteach gun robh an cupall sona còmhla airson iomadach bliadhna.
Faclan na Litreach
Balgam Mòr: Great Gulp; Lurga Luath: Nimble Shanks; Claisneachd Mhath: Good Hearing; Tòn Chruaidh: Hard Haunches; an Earchlais-Ùrlair: the Floor-Mischief; à: hostile; soirbheachail: successful; banais: wedding.
Abairtean na Litreach
gu feumadh e torc nimhe a mharcachd beò, slàn gu doras Lùchairt an Rìgh: that he would have to ride a wild boar alive and uninjured to the door of the King’s Palace; gu ruige a’ choille ubhal: to the apple wood; cuireadh do dhinnear: an invitation to dinner; còmhradh dìomhair: secret conversation; air a’ chathair mhòir anns a bheil am bior nimhe: in the big chair in which there is the deadly spike; cuiridh X às dha: X will kill him; chuir an Rìgh fàilte is furan air Mac na Banntraich: the King warmly welcomed the Widow’s Son; mus do shuidh X oirre: before X sat on it [fem]; gun robh e na chleachdadh dha: that it was his custom; bhris e gach bior na phronnagan: he broke every spike into tiny pieces; dh’fheumadh X an lochan uisge, a bha air mullach na beinne seilge, a thoirt gu lagan bòidheach: X would have to bring the freshwater lochan, that was at the summit of the hunting mountain, to a beautiful dell; fa chomhair doras mòr na Lùchairt: facing the front door of the Palace; feumach air uisgeachadh: in need of being watered; thug X am monadh air: X departed for the hill; a’ srùbadh lochain is gan spùtadh a-mach a-rithist: sucking up lochans and spouting them out again; air a mhilleadh gu tur: completely destroyed; gun tuilleadh uisge a dhòrtadh: not to pour more water; gur i a bu chiontach: that she was to blame.
Puing-chànain na Litreach
mar ghille do Mhac na Banntraich: as a servant to the Widow’s Son. Gille can be used for “lad” or “son” but it also has the meaning of servant and, in that guise, it entered the English language as ghillie. Gille on its own can mean any sort of [man]servant or retainer but it is often combined with other elements to describe very specific functions. Here are some examples: gille-cas-fliuch (a servant who carried a clan chief over burns so that he could keep his feet dry), gille-coise (footman), gille-each (groom), gille-ruithe (runner eg in military campaigns), -ٰܾ-àԱ (an attendant who carried a chief’s baggage or wallet) and -ìDz, a piper’s servant who carried the pipes for his master (a long time ago!) Of a less servile nature are gille-cruidh (cowboy), gille-frithealaidh (waiter cf French çDz), gille-pinn (clerk), -ù (chimney sweep) and gille-shalm, an old term for a precentor of psalms in the Presbyterian churches.
Gnathas-cainnt na Litreach
ma dh’fhaodte gum faigh iad an sàth: perhaps they will get enough to satisfy them.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 25 Feb 2011 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Feb 2011 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.