Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sat 16 Apr 2011 10:55

Clip

Litir 613: Fòghnan na h-Alba

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun òran Fòghnan na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh le bàrd Loch Fìne, Eòghann MacColla. Bha mi anns an sgìre san do rugadh e o chionn ghoirid agus tha e follaiseach gu bheil dualchas air leth Gàidhealach ann. ’S iad ainmean-àite Gàidhlig a tha a’ còmhdachadh na tìre. Bha mi a’ dèanamh beagan obrach le daoine aig Ach’ an Droighinn, seann bhaile beag Gàidhealach a thathar a’ glèidheadh mar thaigh-tasgaidh. Agus chunnaic mi an liosta de dhaoine a bha a’ fuireach anns a’ bhaile sin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881). Bha Gàidhlig aig a h-uile duine aca.

Tarsainn a’ mhonaidh bho Ach’ an Droighinn tha baile beag air a bheil An Ceann Mòr no Kenmore. Tha carragh-cuimhne ann do dh’Eòghann MacColla no Evan MacColl, the Loch Fyne Bard, mar a th’ aca air ann am Beurla. Rugadh MacColla air a’ Cheann Mhòr ann an ochd ceud deug ’s a h-ochd (1808). Chaidh an carragh-cuimhne a chur suas dha ann an naoi ceud deug is trithead (1930), agus Mac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, ga fhoillseachadh.

’S ann ri obair-fearainn agus iasgach a bha Eòghann nuair a bha e òg ach bha e follaiseach gun robh tàlant aige airson sgrìobhadh. Bhiodh e a’ sgrìobhadh an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla. Anns na tritheadan thòisich e air dàin fhaighinn ann an clò agus fhuair e cruinneachadh dhen stuth Ghàidhlig aige air fhoillseachadh fon tiotal Clàrsach nam Beann. ’S e sin as coireach gun robh am frith-ainm air – “Clàrsair nam Beann”.

Bha màthair Eòghainn à Comhghall agus tha e coltach gun robh Eòghann fhèin gu math measail air an sgìre sin air taobh thall Loch Fìne. Tha cuid dhen bheachd gur e Moladh Abhainn Ruaile – ann an Comhghall – an dàn as fheàrr a sgrìobh e.

Dh’fhalbh teaghlach Eòghainn a dh’fhuireach ann an Canada ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-aon (1831) ach dh’fhuirich Eòghann ann am Breatainn. Chaidh e a dh’obair ann an Liverpool mar chlarc ann an seirbheis na cusbainn. Dh’fhuirich e an sin gu ochd ceud deug is caogad (1850). Bha e a’ fulang droch shlàinte an uair sin. Chaidh e a thadhal air na càirdean aige ann an Canada agus chaidh obair a thabhann dha ann an seirbheis na cusbainn ann an Kingston, Ontario. Ghabh e rithe agus dh’fhuirich e ann an Canada. Bha e airson ùine na bhàrd aig Comann an Naoimh Anndra ann an Kingston. Ràinig e deagh aois, a’ faighinn bàs ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1898).

Ged a tha carragh-cuimhne ann dha air cladach Loch Fìne (tha e ann an àite iomallach air nach bi mòran a tadhal), ’s e a bhàrdachd as motha a chumas ann an cuimhne dhaoine e. Cuiridh mi crìoch air an Litir le rann bho Moladh Abhainn Ruaile – agus tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi na bric a’ snàmh innte fhathast!

A mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac, Rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach; An seo iad a’ leum an coinneamh na grèin – Mo cheist air na laochain gheal-tharrach! O, iasgair, bi clis! Siud fear dhiubh a-nis fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort; Cuir cuileag gun à na rathad mas à leat fhaicinn an à nach laghach leis.

Faclan na Litreach

òԲ: thistle; Ach’ an Droighinn: Auchindrain; Comhghall: Cowal; Moladh Abhainn Ruaile: [In praise of the River Ruel].

Abairtean na Litreach

bàrd Loch Fìne, Eòghann MacColla: the Loch Fyne bard, Evan MacColl; a’ còmhdachadh na tìre: covering the land; a thathar a’ glèidheadh mar thaigh-tasgaidh: that is being preserved as a museum; agus Mac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, ga fhoillseachadh: with the clan chief of the Campbells, the Duke of Argyll, unveiling it; ’s e sin as coireach gun robh am frith-ainm air: that’s why he had the nickname; dh’fhalbh teaghlach Eòghainn a dh’fhuireach ann an Canada: Evan’s family left to live in Canada; mar chlarc ann an seirbheis na cusbainn: as a clerk in the customs service; chaidh e a thadhal air na càirdean aige: he went to visit his relatives; ghabh e rithe: he accepted it [fem]; bha e airson ùine na bhàrd aig Comann an Naoimh Anndra: he was for a time the bard of the St Andrews Society; ràinig e deagh aois: he reached a good [advanced] age; ’s e a bhàrdachd as motha a chumas ann an cuimhne dhaoine e: it is primarily his poetry that keeps him in people’s memory; a mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac: foster-mother of the trout, see them there as they fight; rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach: with your snow-white, splashing shallows; na laochain gheal-tharrach: the white-bellied heroes; siud fear dhiubh a-nis: there’s one of them now; fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort: under the shade of that bush, awaiting you; cuir cuileag gun à na rathad: send a fly his way without delay; mas à leat fhaicinn an à nach laghach leis: if you wish to see it in a plight it won’t enjoy.

Puing-chànain na Litreach

Traditional Gaelic bàrdachd often has wonderful internal rhyming or assonance in addition (and sometimes in place of) the rhyming at the end of a line so well-established in English (and Gaelic) language poetry. I have here italicized the internal rhymes in the piece I selected for the final paragraph of the Litir. Read the verse out loud to yourself and listen to those rhymes and rhythms – they are complex and extremely satisfying. A mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac, Rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach; An seo iad a’ leum an coinneamh na grèin – Mo cheist air na laochain gheal-tharrach! O, iasgair, bi clis! Siud fear dhiubh a-nis fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort; Cuir cuileag gun à na rathad mas à leat fhaicinn an à nach laghach leis.

Gnàthas-cainnt na Litreach

tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi na bric a’ snàmh innte fhathast: I hope and expect that the trout will be swimming in her yet.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 15 Apr 2011 11:55
  • Sat 16 Apr 2011 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast