
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais Shaor Ros Cuithne
Seirbheis à tasglann a' BhBC 1989 còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais Shaor Ros Cuithne. Gaelic archive service with Rev Kenneth MacDonald, Rosskeen Free Church.
Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach san Iuchar 1989 còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Ros Cuithne.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 84: 11-12 air fonn Moravia agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalapaigh.
Salm 96: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach Urchardan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Gheà rrloch.
Leughadh: 1 Tesalonianaich 5: 12-19
Ceann-teagaisg: 1 Tesalonianaich 5: 19.
Rugadh an t-Urr Coinneach Dòmhnallach anns an Eilean Sgiathanach ann an 1935. Às dèidh Seirbhis Nà iseanta a' dhèanamh chaidh e an uair sin a dh'obair gu Roinn nan Cusbainn agus thug an obair e gu ruige Steòrnabhagh. Fhad 's a bha e ann an Leòdhas bha e am measg na ciad chomhairlichean a chaidh a thaghadh airson Comhairle nan Eilean Siar ann an 1974 agus e a' riochdachadh Sgìre Chuil. Bha e cuideachd na chluicheadair ball-coise air leth. Dh'fhà g Mgr Dòmhnallach a dhreuchd aig Roinn nan Cusbainn gus slighe eile a ghabhail na bheatha agus chaidh e air ais dhan cholaiste airson trèanadh airson na ministrealachd.
Fhad 's a bha e na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1981 thà inig an naidheachd dhuilich gun robh an nighean aige, Alison, air chall ann an Kashmir 's gun i ach 19 agus i air thuras còmhla ri caraid anns na h-Innseachan. Chum Mgr Dòmhnallach air a' strì airson lorg fhaighinn air Alison còrr air 30 bliadhna agus e cinnteach gu robh i fhathast beò agus gu faiceadh e a-rithist i. Chaidh e fhèin 's a bhean, Reta, gu ruige na h-Innseachan còrr air fichead turas thar nam bliadhnaichean.
Às dèidh an trèanadh aige a dhèanamh ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire, chaidh Mgr Dòmhnallach a ghairm gu coitheanal Ros Cuithne ann an 1984, bha e an sin airson aona bliadhna deug. B' fheudar dha a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal a leigeil dheth agus e a' fulang le MS ach, a' dh'aindheoin sin, bha e fhathast a' searmonachadh thall 's a bhos, ged a bha a fhradharc a' fà illigeadh.
Bhà saich Mgr Dòmhnallach air 20 den Fhaoilleach 2018 aig aois 83 anns an ospadal ann an Drochaid a' Bhanna ann an Cataibh, a' fà gail a bhean Reta agus triùir de theaghlach a bharrachd air Alison.
Last on
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 17 Jul 2011 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Aug 2015 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Jun 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Sep 2019 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Feb 2023 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal