
Episode 1
A' bhuaidh a th' air a bhith aige air ar cainnt laitheil agus ar litreachas le Anna NicLeòid. The impact the King James Bible has had on our language and literature.
Tha ceithir cheud bliadhna bho nochd am Bìoball aig an Rìgh Seumas an toiseach agus chan eil e air a bhith a-mach à clò bhon uairsin. Tha buaidh mhaireannach air a bhith aige air litreachas is cà nan thar nam bliadhnaichean.
Anns a' chiad phrògram tha Anna NicLeòid a' toirt sùil air a' bhuaidh a th' air a bhith aig Bìoball an Rìgh Sheumais thar nan ceithir cheud bliadhna air litreachas, foghlam, bà rdachd, poilitigs, na meadhanan agus air cainnt là itheil na dùthcha.
Am measg na tha gabhail pairt anns a' phrogram tha D R MacLeòid a bha na neach-teagaisg, Maletta NicPhail bà rd agus neach teagaisg, an t-Oll Urr Ruairidh MacLeòid, an t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn, na bà ird Ghà idhealach Aonghas Pà draig Caimbeul agus Aonghas Dubh MacNeacail.
Tha Anna cuideachd a' tadhal air taobh a-muigh Lùchairt Westminster far a bheil i coinneachadh ri dithis aig a bheil eòlas air a' bhuaidh a th'aig a' Bhìoball air poilitigs agus na meadhanan. Air a turas cuideachd tha i a' stad aig Lùchairt Hampton Court far an deach a' chiad cho-labhairt a chumail mu ath-sgrìobhadh a dhèanamh air a' Bhìoball ann an 1603.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Wed 2 Nov 2011 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 2 Nov 2011 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Nov 2011 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal