Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mac 'Ic Ailein agus Mac a' Phi

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: a' cruthachadh ruitheaman agus a' cur fuinn riutha. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.

An-diugh, cluinnear mun deuchainn a chuir Mac a' Phì mu choinneimh gach fir a bha ag iarraidh an nighean aige a phòsadh agus mar a rinn Mac 'Ic Ailein an gnothach air. Cuideachd, bidh Ceit agus Ruairidh ag ionnsachadh mar a bhios iad a' cruthachadh ruitheaman agus a' cur fuinn riutha.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.

Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 12 Feb 2012 14:30

Broadcasts

  • Fri 10 Feb 2012 11:30
  • Sat 11 Feb 2012 10:30
  • Sun 12 Feb 2012 14:30