
An t-Urr Dòmhnall MacRath
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1990 còmhla ris an Urr Dòmhnall MacRath, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious archive service from 1990 conducted by the late Rev Donald MacRae.
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 111: 3-4 air fonn St David agus ‘s e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn.
Salm 107: 19-21 air fonn Bangor agus ‘s e Dòmhnall Ailean MacIllEathain a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh : Lùc 8: 41-56
Ceann-teagaisg: Lùc 8: 50
Rugadh Mgr MacRath ann am Miabhaig ann an Leòdhas air an 2na là den Ghiblean 1918, an dà rna mac aig Uilleam MacRath agus Mà iri NicAoidh. Cheumnaich e à Oilthigh Ghlaschu le MA ann an 1939. Chaidh e an uair sin gu Colaiste na Trianaid ann an Glaschu airson trèanadh airson obair na ministrealachd. Fhuair e cead-searmonachaidh ann an 1942 agus anns an Dà mhair sa bhliadhna sin, ghabh e thairis a' chiad choitheanal aige ann an Slèibhte san Eilean Sgiathanach. Chuir e seachad ùine cuideachd na mhinistear ann am Beinn na Fadhla agus chaidh a phòsadh ris a' choitheanal mu dheireadh aige air an Tairbeart ann an 1956. Bha Mgr MacRath ann an coitheanal an Tairbeart gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1988.
Bha e pòsta aig Ann agus bha dà bhalach agus dà nighean aca.
Chaochail Mgr MacRath anns an Iuchar 2005.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 11 Mar 2012 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Apr 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jan 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal