Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Sgeulachd air Fad

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: cluinnear sgeulachd Na Trì Lèintean Canach air fad. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.

Seo am prògram mu dheireadh san t-sreath agus gheibhear cothrom èisteachd ri sgeulachd Na Trì Lèintean Canach air fad. Cluinnear cuideachd na h-òrain agus na pìosan ciùil a rinneadh ann am prògraman 6-9 agus faodaidh a' chlann iad seo a chleachdadh mar bhunait airson dràma-ciùil.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.

Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 1 Apr 2012 14:30

Broadcasts

  • Fri 30 Mar 2012 11:30
  • Sat 31 Mar 2012 10:30
  • Sun 1 Apr 2012 14:30