Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas Dòmhnallach le seirbheis bho 1989

Seirbhis à tasglann a' BhBC còmha ris an Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba bho 1989. A religious service from the ÃÛÑ¿´«Ã½ archives from Rev James Macdonald, recorded in 1989.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 122: 1-2 air fonn London New agus ‘s e Calum Greumach tha os cionn na seinn agus Salm 16: 10-11 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann an Garrabost

Leughadh: Marcus 10: 32-49
Ceann-teagaisg: Marcus 10: 32-34.

Rugadh Seumas Dòmhnallach ann an sgìre Mhealaboist ann am Borgh air taobh Siar Eilean Leòdhais air an 9mh den Chèitean 1943. Bha triùir anns an teaghlach aige: e fhèin, a bhràthair a bhàsaich na leanabh agus a phiuthar Seonag. Bha athair Sheumais, Murchadh neo Murchadh Sheumais, ainmeil airson a bhith sgrìobhadh òrain: òrain cianalais, òrain cogaidh agus òrain èibhinn.

Chaidh Seumas gu Bun-sgoil Ghabhsainn agus an uair sin gu Àrd-sgoil Lionail gus an do dh'fhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug nuair a chaidh e dhan a' Chabhlaich Mharsanta. Mar iomadach Leòdhasach eile chur e seachad bliadhnaichean aig muir a' siubhail an t-saoghail gus nas thill e air ais dhachaigh anns na tri ficheadan. Bha ceathrar chloinne aige fhèin agus a bhean Màiri Ann. Bha Seumas ag obair air a' bheairt airson iomadh bliadhna gus an deach a ghairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais dhan sgoil airson deuchainnean aig àrd-ìre a dhèanamh agus cothrom a thoirt dha a dhol dhan oilthigh mar oileanach Diadhachd fad ceithir bliadhna.

Thill e air ais dhan eilean ann an 1983 agus chur e seachad bliadhna aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh a' toirt taic dha dheagh charaid, an t-Urramach Ruairidh Moireasdan. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha san Ògmhios 1984 far an robh e airson seachd bliadhna deug gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 2001. Bidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an coitheanalan air feadh nan eilean. Bhàsaich a bhean Màiri Ann ann an 2011.

Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' càradh agus ag ùrachadh àirneis agus thairis air na bliadhnaichean tha e air seann tractar 1955 Ferguson TEF20 ùrachadh. Phòs Mgr Dòmhnallach Morag NicRisnidh agus tha iad air an dachaigh a dhèanamh anns an sgìre far an do rugadh 's na thogadh e.

30 minutes

Last on

Sun 4 May 2025 21:00

An t-Urr Seumas Dòmhnallach

An t-Urr Seumas Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 22 Apr 2012 21:00
  • Sun 7 Jul 2019 21:00
  • Sun 4 May 2025 21:00