Fiona NicIllinnein a' faicinn mar a tha rabaidean air a bhith nam plà igh ann a Nis. Fiona MacLennan discovers how the community of Ness is trying to manage rabbit numbers.
Tha Fiona NicIllinnein ann a Nis ann a Leòdhas, 's i coinneachadh ri cuid de mhuinntir na sgìre airson bruidhinn mun trioblaid a tha rabaidean air a bhith 'g adhbharachadh dhaibh. Tha i bruidhinn ri Doileag Chaimbeul ann am baile Eoropaidh, baile a tha stèidhichte air talamh-machrach. Tha Doileag ag innse mar a tha na rabaidean ag ithe na tha 'd a' cur de ghlasraich agus a' tolladh ghà rraidhean is leasan. Tha Tormod MacThòmais bho Urras Ghabhsainn ag innse mu na deifir oidhirpean a chaidh a dhèanamh airson cuidhteas fhaighinn air na beathaichean. Agus tha Roddy John Dòmhnallach air croit air a' mhachair le gunna, 's e ag innse mu mar a thathas gam marbhadh. (Dh'fhaodadh gun dean cuid de na tha ri chluinntinn ann a seo dragh do chuid agaibh.).
Last on
Broadcasts
- Tue 24 Apr 2012 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 24 Apr 2012 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Apr 2012 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Jul 2013 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Jul 2013 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jul 2013 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal