Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1991 còmhla ris an Urr Alasdair Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba, Nis. Archive service from 1991 with Rev Alexander MacDonald, Ness C of S.

'S e an t-Urramach Alasdair Dòmhnallach, nach maireann, a bha na mhinistear an Eaglais na h-Alba ann a Nis a tha a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo.

Chaidh an t-seirbheis a chraoladh an toiseach san Dàmhair 1991 agus chaidh a clàradh san eaglais ann a Nis.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 25 : 1-3 air fonn Coleshill, os cionn na seinn Fionnlagh Caimbeul le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba a Nis.
Salm 133: 1-3 air fonn Montrose, os cionn na seinn Domhnall R Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba a Nis.

Leughadh:
Leabhar Gnìomharan nan Abstol 9, rannan 1-22
Ceann-teagasg
Leabhar Gnìomharan nan Abstol 9, rann 17.

30 minutes

Last on

Sun 6 May 2012 21:00

Broadcast

  • Sun 6 May 2012 21:00