Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 5

Niall Caimbeul ag ionnsachadh mu sheòladh air bàta-siùil a-mach bho Eilean Bheàrnaraigh. Neil Campbell learns the ropes on a sailing boat around the Isle of Berneray.

Chan eil càil coltach ri bhith a-muigh air a' mhuir air latha breàgha ann am bàta-siùil, gun càil ach a' ghaoth ga do thoirt gu cala ann an àite sam bith a bu mhiann leat. 'S e saorsa dha-rìreabh a th' ann, gu h-àraid do dhaoine a tha glaiste staigh aig an obair tron t-seachdain. Chì sinn gu bheil gnìomhachas air fàs timcheall bàtaichean nan cur-seachad anns na marinas a tha a' nochdadh air feadh na dùthcha.

Anns a' phrògram seo tha Niall Caimbeul a' gabhail sgrìob a-mach à Eilean Bheàrnaraigh, Uibhist a Tuath, ann a' gheat Aonghais MhicPhàil à Cairinis.

Tha Niall a' faighinn beagan eòlais air an obair a th' ann a' làimhseachadh bàta dhan t-seòrsa seo.

Còmhla riutha cuideachd tha Dòmhnall MacIllEathain à Beàrnaraigh, a tha air a bhith ag obair air aiseag Caolas na Hearadh bliadhnaichean mòra, agus mar sin tha mion-eòlas aige air a h-uile sgeir agus suaile anns a' chaolas.

30 minutes

Last on

Fri 14 Aug 2020 09:00

Broadcasts

  • Tue 8 May 2012 13:30
  • Tue 8 May 2012 22:00
  • Sun 13 May 2012 10:00
  • Fri 14 Aug 2020 09:00