Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 6

A-muigh a' coiseachd son eacarsaich agus a' lorg rudan le GPS. Le Fiona NicIllinnein. Walking for exercise and exploring GPS and benchmarks. With Fiona Maclennan.

Cò ris nach do chòrd “Treasure Hunt” nuair a bha’d òg? Tha dà sheorsa ga mìneachadh anns a’ phrògram seo – fear a tha ùr agus fear a tha gu math sean! Tha “geocaching” na chuir seachad a tha a’ ceangal teicneolais an eadar-lìon le beagan eacarsaich. Tha làrach-lìn ann a tha ag innse dhut far am faigh thu stòras bheag a tha mar is trice falaichte ann am bucas phlastaig a tha ga dhìon bhon aimsir. ‘Se spòrs a th’ann a bhith ga lorg agus ‘s dòcha uaireanan gum faigh thu thu fhèin ann an àiteachan gu math annasach. Tha na milleanan air feadh an t-saoghail air “geocaches” fhalach agus tha barrachd is barrachd rim faighinn air an eadar-lion.

'S e cuir seachad rudeigin coltach ri “geocaching” a th’ann a bhith a’ lorg spòg an eòin neo “benchmarks”. Bho chionn fhada nuair a chaidh a’ chiad chlàr-dùthcha a dheanamh dh’fhàg an luchd-obrach comharran air creagan, togalaichean, drochaidean agus a’ leithid ach am biodh làrach cìnnteach aca airson a bhith a’ tomhas astair eadar àiteachan. ‘Se cumadh trì spògan mar a chì thu air eun a th’oirre ged a tha atharraichean beaga uaireanan eadar iad. Gheibhear seann chlàran far a bheil na comharran seo rim faicinn ach le obair leasachaidh air rathaidean agus le creagan ‘s clachan a-dol fon talamh, chan eil lorg oirre gu leir an diugh.

As dèidh a bhith a’ streap bhruthaichean tha cuairt eadar-dhealaichte aig Fiona timcheall a’ Ghearraidh Chruaidh ann a Steòrnabhagh còmhla ri triùir a tha air cuideam a chall ‘s cha b’ann a mhàin le bhith gearradh air ais air biadh ach le bhith a’ deanamh eacarsaich cuideachd. ‘Se sgeulachdan mhisneachail a th’aca airson duine sam bith a tha a’feuchainn ri pùnnd neo dhà a chall!

30 minutes

Last on

Sun 27 May 2012 10:00

Fiona agus Annella

Fiona agus Annella

Benchmarks

Benchmarks

Spòg an Èoin

Spòg an Èoin

Broadcasts

  • Tue 22 May 2012 13:30
  • Tue 22 May 2012 22:00
  • Sun 27 May 2012 10:00