Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 27 May 2012 14:55

Clip

Litir 671: Tòmas Garnett agus an Clàrsair a Loisg a Thiompan

Bha mi ag innse dhuibh mun t-seanfhacal Ghàidhlig a chruinnich Tòmas Garnett ann am Muile: Is mairg a loisgeadh a thiompan ris. Chuir esan a’ Bheurla air: what a fool I was to burn my harp for him. Tha an ìre mhath an aon seanfhacal aig Alasdair MacNeacail anns a’ chruinneachadh aigesan – Is mairg a loisgeadh a thiompan dhut – pity him who would burn his harp for you. Tha e stèidhichte air seann sgeulachd – agus seo mar a dh’aithris Tòmas Garnett i.

O chionn fhada bha clàrsair ainmeil a’ fuireach ann am Muile. Bha e pòsta aig boireannach brèagha agus bha gaol mòr aige oirre. Bha clàrsach air leth prìseil aig a’ chlàrsair. Bha e moiteil aiste agus bheireadh e leis i do gach àite dhan rachadh e.

Chaidh an cupall seo a chèilidh air caraid a bha tinn, a bha a’ fuireach air taobh thall an eilein. Bha droch shìde ann. Bha aca ri strì an aghaidh gailleann. Mheilich a’ bhean leis an fhuachd. Dh’fhanntaich i. Bha i ann an cunnart a beatha.

Rinn an duine aice oidhirp a cumail beò. Chuir e teine thuige, a’ cleachdadh fraoch tioram. Ach cha robh mòran fraoich ann. Airson teas a chumail ri a bhean, bhris e a chlàrsach ann an sgealban. Chuir e a chlàrsach – pìos air phìos – don teine.

Chunnaic fear òg eile, a bha a’ sealg, an toit. ’S e duine-uasal a bh’ ann. Chaidh e a-null far an robh an cupall. Bha biadh agus deoch aig an duine seo agus thug e an dà chuid don bhoireannach. Thàinig i thuige.

Thòisich an duine-uasal air bruidhinn ri bean a’ chlàrsair. Bha an clàrsair cho toilichte gun robh feabhas a’ tighinn air a bhean ’s nach do mhothaich e gun robh an còmhradh car dlùth is pearsanta. Bha a bhean agus an duine-uasal air a bhith eòlach air a chèile nuair a bha iad òg.

Bha am boireannach air a togail le a seanmhair a bha a’ fuireach air eilean eile – an aon eilean ri athair an fhir seo. Bha i fhèin agus an duine-uasal air a bhith nan dlùth chompanaich nuair a bha iad òg. Bha am meas a bh’ aca do chèile air fhàs gu gaol.

Ach chaochail seanmhair na caileige agus b’ fheudar dhi tilleadh do dh’eilean a breith, gu taigh a h-athar. Bhon latha sin chun an latha seo fhèin, cha robh i fhèin ’s an duine-uasal air coinneachadh ri chèile no dad a chluinntinn mu chach-a-chèile.

Chan e an teine a-mhàin a bh’ air a chur thuige a-muigh sa mhonadh air an latha sin. Chaidh lasair a chur ris an t-seann ghaol cuideachd. Chuir an duine-uasal roimhe bean a’ chlàrsair a thoirt air falbh leis gu eilean eile.

Choisich an triùir còmhla airson greis. Ann an cagair, dh’innis an duine-uasal do bhean a’ chlàrsair dè bha fa-near dha. Bha ise fhathast ann an gaol leis, agus dh’aontaich i.

Nuair a ràinig iad gleann, chunnaic am boireannach allt aig bonn a’ ghlinne. Thuirt i ris an duine aice gun robh am pathadh oirre. Dh’fhalbh an clàrsair a dh’iarraidh uisge bhon allt. Nuair a bha e fada gu leòr air falbh, ruith a bhean agus an duine-uasal air falbh còmhla. Bha an clàrsair air a bhean agus a chlàrsach a chall, agus thuirt e, “Is mairg a loisgeadh a thiompan dhut!”

Faclan na Litreach

à: harper; Muile: Mull; mheilich: became faint with the cold; ’f󲹲ԲԳٲ: fainted; sgealban: fragments, splinters; toit: smoke; duine-uasal: gentleman; cagair: whisper.

Abairtean na Litreach

bha gaol mòr aige oirre: he loved her greatly; clàrsach air leth prìseil: an extremely valuable harp; moiteil aiste: proud of it [fem]; bheireadh e leis i do gach àite: he would take it with him everywhere; a chèilidh air caraid a bha tinn: to visit a relative who was sick; bha aca ri strì an aghaidh gailleann: they had to struggle against a storm; ann an cunnart a beatha: in danger of her life; oidhirp a cumail beò: an effort to keep her alive; chuir e teine thuige: he lit a fire; thàinig i thuige: she came to; gun robh feabhas a’ tighinn air X: that X was improving; gun robh an còmhradh dlùth is pearsanta: that the conversation was close and personal; b’ fheudar dhi tilleadh do dh’eilean a breith: she had to return to the isle of her birth; chaidh lasair a chur ris an t-seann ghaol: the old love was given a new flame; dè bha fa-near dha: what his intention was; a dh’iarraidh uisge: to get water.

Puing-chànain na Litreach

Tiompan is translated in the proverb in the Litir as “harp” but it has a wider meaning than that. It can refer to any musical instrument, particularly a drum, or stringed instrument with a sound box, but also a cymbal and perhaps even a lyre. Most authorities derive it from Latin tympanum “timbrel, drum” and, like the Latin word, tiompan in modern Gaelic also means an “eardrum”. In the landscape it means a “rounded, one-sided knoll” (reminiscent of an instrument?) On the map it appears, for example, in Loch an Tiompain in Wester Ross, which is adjacent to a one-sided hill, and in Tiumpan Head / Rubha an Tiompain in Lewis (the name reflects the shape of the headland). The story of the harper in Mull is located at Màm an Tiompain – and in this case oral tradition links the place to the instrument. Fascinatingly, Màm an Tiompain is adjacent to Tobar Leac an t-Sagairt, the site of the priest’s death in last week’s Litir. That part of Mull is full of great stories – I hope the Muilich are still telling them!

Seanfhacal na Litreach

Is mairg a loisgeadh a thiompan dhut: pity him who would burn his harp for you. Said of a person who has made a sacrifice for somebody only to find the beneficiary demonstrating that they did not value the sacrifice.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 25 May 2012 11:55
  • Sat 26 May 2012 10:55
  • Sun 27 May 2012 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast