
Iain MacSuain
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ri Iain MacSuain (nach maireann), leughadair aig Eaglais na h-Alba. ÃÛÑ¿´«Ã½ archive service from 2003 with John MacSween, Church of Scotland Reader.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 19-21 air fonn Martyrdom agus ‘s e Fionnlagh MacRisnidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu.
Salm 63: 7-8 air fonn Torwood agus ‘s e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Leughadh: Galà tianaich 6: 1-18
Ceann-teagaisg: Galà tianaich 6: 14
Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a' Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhà thar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhrà ithrean aige agus ceathrar pheathraichean ach chaochail aon dhiubh na pà iste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.
Chuir e seachad cuid mhath de bheatha a' drà ibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus mus tug a shlà int air sguir a dh'obair ann an 2004 bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beà rnaraigh, Na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy agus Iain.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-à raidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, brà thair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na òige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad torr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan sheillein airson mil.
Anns na 80an thà inig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun luchd-eisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an 8mh den t-Samhain, 2010 aig aois trì fichead 's a trì.
Last on
Broadcasts
- Sun 27 May 2012 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Feb 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal