
Sgeulachd às an Ruis
Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl aig ìre bun-sgoile: ceòl agus sgeulachdan às an Ruis. Schools programme to support music teaching in the upper stages of primary school.
Thairis air an t-sreath bidh Sà ra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air a bheil iad a' cur eòlas nan obair. Tron seo tha sinn a' cluinntinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mu cheòl às an Ruis agus cluinnear sgeulachd mu fhear òg Ruiseanach a fhuair bean agus beairteas, le cuideachadh bho gheadas. 'S e amas an teagaisg fonn a chleachdadh ann an diofar dhòighean.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dà rna ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Fri 8 Jun 2012 11:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 9 Jun 2012 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Jun 2012 14:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal