Main content

08/06/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Sun 10 Jun 2012
14:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 673
Duration: 05:00
Litir 673: Srath Chonainn agus SgĂ rd Ruaidh
Aig ceann shuas Shrath Chonainn, ann an Siorrachd Rois, tha loch ann air a bheil Loch Beannacharain. Gu siar air an loch tha baile-fearainn ann air a bheil Scardroy ann am Beurla. Anns a’ Ghà idhlig thùsail, ’s e sin Sgà rd Ruaidh. Bha Uilleam MacBhà tair dhen bheachd gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh “red scree”. Ach tha Iain Mac an Tà illeir ag innse dhuinn, anns an leabhar aige Place-Names of Scotland, a thà inig a-mach an-uiridh, gu bheil e a’ ciallachadh “red-brown swathe of land”.Chan eil mi cinnteach dè as coireach ris an dath ruadh anns an ainm – ’s dòcha a’ chreag no an ùir. Ach, a-rèir beul aithris, ’s e fuil aig beathaichean mairt a thug an t-ainm don à ite. Seo an stòiridh:
Bha fear à Loch Abar a bha ainmeil airson a bhith a’ togail creach anns an t-seachdamh linn deug. B’ esan Iain Geal Donn mac Dhòmhnaill Dhuibh. Bhiodh e gu tric a’ togail creach air taobh an ear-thuath na Gà idhealtachd agus a’ tilleadh dhachaigh tro ghlinn is srathan mar Srath Chonainn.Bha Iain agus a bhrà thair Dòmhnall air a bhith a’ cur dragh mòr air coimhearsnachdan ann an Siorrachd Rois. Chuir ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich Gheà rrloch, Alasdair Breac, roimhe gun dèanadh e a’ chùis air Iain an ath thuras a nochdadh e ann an Siorrachd Rois.
Chuir Alasdair fios a-mach gu muinntir a’ chinn a tuath, feuch faighinn a-mach cò an gaisgeach a bu treasa a bh’ ann anns na sgìrean sin. Thà inig fios air ais thuige – Alasdair Buidhe MacAoidh à Srath Òiceall. Chuir e Alasdair Buidhe os cionn oidhirp gus sprèidh nan Rosach a dhìon bho na mèirlich Abrach.
Co-dhiù, chaidh Iain Geal Donn ’s a chompanaich gu ruige An Àmait, ann an taobh sear Rois, far an do thog iad dusan beathach mairt. Fear dhiubh, ’s e tarbh a bh’ ann. Thill iad tro Shrath a’ Bhà thaich agus Srath Chonainn gu ruige taobh an iar Loch Beannacharain far an do chuir iad seachad an oidhche. ’S iad a thug an t-ainm Sgà rd Ruaidh don à ite oir bha iad air na beathaichean a phutadh cho cruaidh ’s gun robh fuil a’ tighinn asta.Bha sgalag aig Alasdair Buidhe – Abrach òg. ’S e an gille sin a thug fios do dh’Alasdair gum biodh na mèirlich a’ stad airson na h-oidhche ann am bothan-à irigh ri taobh Loch Beannacharain. Chaidh an dithis aca don à ite. Chuir Alasdair dos a ghunna ris a’ ghille. Thug e air a’ ghille gealltainn gum biodh e dìleas dhà , seach do na h-Abraich eile.Anns a’ bhothan, bha na mèirlich a’ ròstadh pìos dhen tarbh. Cha robh amharas sam bith aca gun robh Alasdair Buidhe air an tòir. Chuir Alasdair a sgalag aig andoras. Chaidh Alasdair fhèin gu ceann eile a’ bhothain. Thog e sgrath bhon mhullach pìos beag. Chunnaic e Iain Geal Donn ga gharadh fhèin aig an teine. Bha Iain ann an sunnd mhath. Bha na fir gu lèir ann an cròileagan timcheall an tèine.
Gu h-obann, dh’èigh Iain do a chompanaich, “An aire – tha mi a’ faighinn fà ileadh pùdair!” Ach mus d’ fhuair e fhèin no cà ch cothrom dad a dhèanamh, chuir Alasdair Buidhe peilear ann. Leum Alasdair sìos far a’ mhullaich agus chaidh e gu doras a’ bhothain airson taic a thoirt do a sgalaig. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
tùsail: original; Sgà rd Ruaidh: Scardroy; Uilleam MacBhà tair: William J Watson; ùir: soil; Loch Abar: Lochaber; coimhearsnachdan: communities; Siorrachd Rois: Ross-shire; Srath Òiceall: Strath Oykell; An Àmait: Amat; Srath a’ Bhà thaich: Strathvaich; sgalag: lackey; bothan-à irigh: shieling bothy; peilear: bullet.
Abairtean na Litreach
ceann shuas Shrath Chonainn: the upper end of Strathconon; gu siar air an loch tha baile-fearainn ann: to the west of the loch there is a farm; dè as coireach ris an dath ruadh: what is responsible for the red colour; fuil aig beathaichean mairt: cattle blood; ceann-cinnidh Clann ’ic Coinnich Gheà rrloch: the chief of the MacKenzies of Gairloch; chuir X roimhe gun dèanadh e a’ chùis air Y: X intended to defeat Y; muinntir a’ chinn a tuath: the people of the north; feuch faighinn a-mach cò an gaisgeach a bu treasa a bh’ ann: in an attempt to identify the strongest hero; os cionn oidhirp gus sprèidh nan Rosach a dhìon bho na mèirlich Abrach: in charge of an attempt to protect the Ross people’s livestock from the Lochaber robbers; dusan beathach mairt: a dozen cattle; bha iad air na beathaichean a phutadh cho cruaidh ’s gun robh fuil a’ tighinn asta: they had pushed the cattle so hard that they were bleeding; chuir X dos a ghunna ris a’ ghille: X put the muzzle of the gun against the lad; thug e air a’ ghille gealltainn gum biodh e dìleas dhà : he forced the lad to promise that he would be loyal to him; a’ ròstadh pìos dhen tarbh: roasting a piece of the bull; air an tòir: in pursuit of them; thog e sgrath bhon mhullach pìos beag: he lifted a sod a little from the roof; ann an cròileagan: in a circle; an aire – tha mi a’ faighinn fà ileadh pùdair: look out – I’m getting the smell of [gun]powder.
Puing-chĂ nain na Litreach
airson a bhith a’ togail creach anns an t-seachdamh linn deug: for stealing livestock in the seventeenth century. Togail creach (or in more old-fashioned Gaelic togail na creiche) means literally “lifting (ie taking away) the plunder” and I imagine the Gaelic idiom has found its way into the Scots and English expression “lifting cattle”, meaning “rustling” (unless the linguistic influence was in the reverse direction). When we refer to “togail creach”, unless we are more specific about the situation, it would be understood as referring to the old Highland practice of stealing cattle from another clan or in another part of the country, and driving them home.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
ga gharadh fhèin aig an teine: warming himself by the fire.Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 8 Jun 2012 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 9 Jun 2012 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sun 10 Jun 2012 14:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.