Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 19 Aug 2012 14:55

Clip

Litir 683: Coinneach Odhar Fiosaiche - Pàirt 1

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche. Tha e aithnichte ann am Beurla mar The Brahan Seer. Bha an dà-shealladh no taibhsearachd aige. Rinn e fàidheadaireachd mu iomadach rud. A rèir beul-aithris, thàinig mòran dhiubh gu bith.

Bidh sibh air cluinntinn, tha mi cinnteach, mun fhàisneachd aige gun tigeadh an Canàl Cailleannach gu bith – ceud gu leth bliadhna mus do thòisich an obair air. Thuirt Coinneach, a rèir beul-aithris: Thig an latha ’s am faicear làraichean Sasannach air an tarraing le srianan còrcaich seachad air cùl Tom na h-Iùbhraich. Agus thàinig an latha sin nuair a dh’fhosgail an canàl anns an naoidheamh linn deug.

Ach ciamar a fhuair Coinneach Odhar na comasan aige? Tha farsaingeachd de stòiridhean ann mu dheidhinn sin, agus bu mhath leam an aithris dhuibh. Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil gin aca fìor.

’S dòcha gur e an stòiridh as ainmeile am fear à Sgìr’ Ùig’ ann an Leòdhas, a tha a’ dol air ais gu òige Choinnich. Rugadh Coinneach ann am Baile na Cille ann an Sgìr’ Ùig’. Nuair a bha e na dheugaire, ach gun a bhith mòran a bharrachd air dusan bliadhna a dh’aois, bha a mhàthair a’ fuireach shuas air an àirigh. Bha sin ann an àite ris an canar An Cnoc Ceòthail. Às a sin, chithear an seann chladh. Mu mheadhan-oidhche, chunnaic màthair Choinnich na h-uaighean a’ fosgladh, agus na mairbh ag èirigh asta.

Bha iad de gach aois, agus chaidh iad gu gach àird. Às dèidh uair a thìde, thill iad don chladh. Thill iad do na h-uaighean, agus dhùin na h-uaighean a-rithist. Ach bha tè dhiubh nach robh dùinte. Bha màthair Choinnich feòrachail. Bha i airson faighinn a-mach cò bu chòir a bhith anns an uaigh sin.

Chaidh i sìos don chladh, agus chuir i a cuigeal thairis air an uaigh. Mura h-eil sibh eòlach air an fhacal cuigeal, ’s e inneal a bh’ ann a bhiodh boireannaich a’ cleachdadh gu mòr airson snìomh – distaff ann am Beurla. Chuir i sin thairis air beul na h-uaghach airson stad a chur air an duine mharbh bho bhith a’ dol a laighe innte.

An ceann mionaid no dhà – cha robh e fada – thàinig boireannach bàn dha h-ionnsaigh. “Tog do chuigeal far beul na h-uaghach,” thuirt i, “agus leig leam a dhol a-steach gu àite-còmhnaidh nam marbh.”

“Nì mi sin,” fhreagair màthair Choinnich, “nuair a dh’innseas tu dhomh dè thug ort a bhith cho fada gun tilleadh.”

“’S ann mar seo a bha e,” ars am boireannach bàn. “B’ fheudar dhòmhsa a dhol mòran na b’ fhaide na càch. B’ fheudar dhomh dhol a Lochlann. Is mise nighean aig Rìgh Lochlainn. Chaidh mo bhàthadh nuair a bha mi a’ snàmh thall an sin. Lorgadh mo chorp air an tràigh faisg air seo agus chaidh mo thiodhlacadh anns an uaigh seo. Mar dhuais airson do chuid calmachd, bheir mi fios dìomhair dhut. Thalla don loch thall an sin agus gheibh thu lorg air clach bheag chruinn ghorm. Thoir a’ chlach don ghille agad, Coinneach, agus cleachdaidh esan i airson fàidheadaireachd a dhèanamh.”

Rinn màthair Choinnich sin. Fhuair i a’ chlach bheag chruinn ghorm agus thug i do Choinneach i.

Uill, ’s e sin aon stòiridh air mar a fhuair Coinneach Odhar a chomasan. Bheir sinn sùil air stòiridhean eile an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

dà-shealladh, taibhsearachd: second sight; farsaingeachd: variety; ò: youth, childhood; à: shieling; ڱò󲹾: inquisitive; cuigeal: distaff.

Abairtean na Litreach

gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche: that you’ve heard of the Brahan Seer; rinn e fàidheadaireachd: he prophesied; mun fhàisneachd aige gun tigeadh an Canàl Cailleannach gu bith: about his prophecy that the Caledonian Canal would come into being; thig an latha ’s am faicear làraichean Sasannach air an tarraing le srianan còrcaich: the day will come when English mares are led by hempen bridles; seachad air cùl Tom na h-Iùbhraich: past the back of Tomnahurich [hill in Inverness]; à Sgìr’ Ùige: from Uig; nuair a bha e na dheugaire: when he was a teenager; gun a bhith mòran a bharrachd air dusan bliadhna a dh’aois: not much more than twelve years of age; na h-uaighean a’ fosgladh: the graves opening; na mairbh ag èirigh asta: the dead rising from them; chaidh iad gu gach àird: they went in every direction;’s e inneal a bh’ ann a bhiodh boireannaich a’ cleachdadh airson snìomh: it was a device that women would use for spinning; thairis air beul na h-uaghach: over the mouth of the grave; bho bhith a’ dol a laighe innte: from reclining in it; leig leam a dhol a-steach gu àite-còmhnaidh nam marbh: let me go into the dwelling place of the dead;’s ann mar seo a bha e: it was like this; b’ fheudar dhòmhsa a dhol mòran na b’ fhaide na càch: I had to go much further than the others; nighean aig Rìgh Lochlainn: a daughter of a Scandinavian king; lorgadh mo chorp air an tràigh: my body was found on the beach; mar dhuais airson do chuid calmachd: as a reward for your bravery; bheir mi fios dìomhair dhut: I’ll tell you something secret; cleachdaidh esan i airson fàidheadaireachd a dhèanamh: he’ll use it for prophesying.

Puing-chànain na Litreach

Chaidh mo bhàthadh / chaidh mo thiodhlacadh: I was drowned / I was buried. Remember that, in a construction of this nature, in the absence of a noun, we use the possessive article, and we lenite the verbal noun according to the lenition rules. For “burying”, here’s how it works, running from first person singular to third person plural – and note the lenition of “tiodhlacadh”: chaidh mo thiodhlacadh (mi), chaidh do thiodhlacadh (thu), chaidh a thiodhlacadh (e), chaidh a tiodhlacadh (i), chaidh ar tiodhlacadh (sinn), chaidh ur tiodhlacadh (sibh), chaidh an tiodhlacadh (iad).

Gnàthas-cainnt na Litreach

dè thug ort a bhith cho fada gun tilleadh: what caused you to be so late returning [lit. so long without returning].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 17 Aug 2012 11:55
  • Sat 18 Aug 2012 10:55
  • Sun 19 Aug 2012 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast