Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tuig ann an Diog

Taic ann a bhith a' leasachadh sgilean obair-cinn matamataigeach aig ìre bun-sgoile: luachadh. Schools programme to support the development of good mental arithmetic skills.

Thairis air an t-sreath tha Magaidh Matamataig a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Anns a' phrògram seo tha i air turas sgìthidh anns an Fhraing agus 's e amas an teagaisg a bhith ag innse dè an uair a tha e (12 uaireach). Tha i cuideachd a' toirt cothrom air cunntais ann am ficheadan.

Ann an suidheachadh aotram agus tlachdmhòr, tha i a' stiùireadh nan sgoilearan gu bhith ag obair còmhla, ag obair an aghaidh a chèile agus an aghaidh a' ghleoca.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad agus an dara h-ìre (toiseach na h-ìre) den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam

Producer Una MacDonald.

20 minutes

Last on

Sun 14 Oct 2012 14:30

Broadcasts

  • Fri 12 Oct 2012 11:30
  • Sat 13 Oct 2012 10:30
  • Sun 14 Oct 2012 14:30