
12/10/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 691
Duration: 05:00
Litir 691: Cè Tormod Dòmhnallach agus Puirt-à-Beul - Pàirt 2
Bha mi ag innse dhuibh mu Chè Tormod Dòmhnallach a dh’fhoillsich The Gesto Collection of Highland Music ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895). B’ aithne dha Màiri Mhòr nan Òran. Mhol Màiri gun sgrìobhadh e gu tè Sgitheanach eile a bha a’ cruinneachadh seann òrain – Frangag, no Frances, Tolmie. Coltach ri Cè Tormod, bha Gàidhlig aig Tolmie bho dhùthchas, agus bhuineadh i do theaghlach a bha rudeigin beartach.
Fhuair Cè Tormod ceathrad ’s a còig òrain bho Tholmie. Nochd feadhainn dhiubh ann an leabhar a dh’fhoillsich e nuair a bha e a’ fuireach ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). B’ e ainm an leabhair Puirt-a-Beul: or Songs for Dancing as Practised from a Remote Antiquity by the Highlanders of Scotland.
An robh Cè Tormod ceart ann a bhith ag ràdh gu robh ܾ-à-ܱ àrsaidh? Feumar tuigsinn gun robh e fhèin, agus a charaid, Alasdair MacIlleMhìcheil, a dh’fhoillsich Carmina Gadelica, a’ strì an aghaidh beachd ann am Breatainn nach robh anns na Gàidheil ach daoine aineolach, gun chultar a b’ fhiach. ’S dòcha nach bi fios againn a-chaoidh, ge-tà, dè cho sean ’s a tha ܾ-à-ܱ.
Brochan lom, tana, lom, brochan, lom sùghain – bidh sibh eòlach air an òran sin. Tha e anns a’ chruinneachadh aig Cè Tormod Dòmhnallach. Bha mi a’ bruidhinn ri fear an-uiridh agus thuirt e gun robh e air aon òran Gàidhlig ionnsachadh na òige, ach nach robh fios aige dè bha na faclan a’ ciallachadh. Agus ghabh e Brochan Lom. “It means,” thuirt mise ris, “bare, thin, bare gruel, bare sowans gruel.” “Aha,” ars’ esan, “it’s a song of great philosophical depth, then!”
Sin mar a tha mòran de phuirt-à-beul. Chan eil iad a-mach air cuspairean mòra. Ach tha an ruitheam annta cudromach. Agus tha iad a’ dèanamh iomradh air rudan a bha mar phàirt de bheatha nan Gàidheal – daoine, gaol, sealg, an àirigh, eilthireachd, gaisgeachd, nàdar is mar sin air adhart. Tha na h-òrain sin am measg nan rudan as prìseile a bhuineas dhuinn mar shluagh.
Thàinig eagran ùr a-mach dhen leabhar aig Cè Tormod – Puirt-à-Beul – na bu tràithe dhen bhliadhna seo, air fhoillseachadh le Taigh na Teud anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh a dheasachadh le Uilleam Lamb. Chuir Lamb aiste inntinneach is fiosrachail an cois an leabhair mu phuirt-à-beul fhèin – cuin agus carson a dh’èirich an stoidhle seinn seo?
Bha Cè Tormod a’ ceangal “Gille Calum” ri fear a bha a’ cruinneachadh nan cìsean airson Calum a’ Chinn Mhòir, Righ na h-Alba, a bha beò mìle bliadhna air ais. Tha Lamb ag ràdh, ge-tà, nach urrainn a bhith cinnteach a bheil susbaint anns a’ bheachd sin.
Gu deireadh an t-siathamh linn deug, bha am facal port a’ ciallachadh “fonn airson na clàrsaich”. Às dèidh do chluich na clàrsaich a chrìonadh, bhiodh daoine a’ cleachdadh an fhacail airson fonn-dannsaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chluich air ionnsramaid no air a sheinn leis a’ ghuth.
Tha dà bheachd-smuain air a bhith gu tric co-cheangailte ri tùs phort-à-beul. ’S e a’ chiad tè dhiubh gun do dh’èirich an dòigh-sheinn sin an cois Achd an Toirmisg às dèidh Blàr Chùil Lodair. ’S e an dàrna tè gun do dh’èirich i an cois dùsgadh anns an Eaglais anns an naoidheamh linn deug. Bheir sinn sùil orra sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Cè Tormod Dòmhnallach: Keith Norman MacDonald; à: ancient; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; an-uiridh: last year; eagran: edition.
Abairtean na Litreach
feumar tuigsinn: it must be understood; a’ strì an aghaidh beachd: struggling against an opinion; nach robh anns na Gàidheil ach daoine aineolach: that the Gaels were just an ignorant people; ’s dòcha nach bi fios againn a-chaoidh, ge-tà: perhaps we’ll never know, however; gun robh e air aon òran Gàidhlig ionnsachadh na òige: that he had learned one Gaelic song in his childhood; tha an ruitheam annta cudromach: the rhythm in them is important; a’ dèanamh iomradh air rudan a bha mar phàirt de bheatha nan Gàidheal: saying something about things that were part of the life of the Gaels; gaol, sealg, an àirigh, eilthireachd, gaisgeachd, nàdar: love, hunting, the shieling, emigration, heroism, nature; chaidh a dheasachadh le: it was edited by; aiste inntinneach is fiosrachail an cois an leabhair: an interesting and informative essay in the book; cuin agus carson a dh’èirich an stoidhle seinn seo?: when and why did this singing style arise?; fear a bha a’ cruinneachadh nan cìsean airson Calum a’ Chinn Mhòir: a man who was collecting taxes for Malcolm Canmore; nach urrainn a bhith cinnteach a bheil susbaint anns a’ bheachd sin: that [we] can’t be certain that opinion has substance; às dèidh do chluich na clàrsaich a chrìonadh: after the playing of the harp diminished; fonn-dannsaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chluich air ionnsramaid no air a sheinn leis a’ ghuth: a dance tune that could be played on an instrument or sung with the voice; dà bheachd-smuain: two ideas; an cois Achd an Toirmisg às dèidh Blàr Chùil Lodair: along with the Act of Proscription after the Battle of Culloden; dùsgadh anns an Eaglais: a rise of evangelism in the Church.
Puing-chànain na Litreach
ܾ-à-ܱ: literally ‘tunes from [the] mouth’ and sometimes called ‘mouth music’ in English, although the Gaelic term is generally preferred, even in English. The singular is ǰ-à-ܱ, the plural is ܾ-à-ܱ. While port was once used, it appears exclusively, for a classical Gaelic tune played on the harp, in the days when the harp was ‘king’ in Gaelic musical circles, it is now used more generally for a tune played on any musical instrument, often as an accompaniment to dance. The sense that ܾ-à-ܱ have a strong link to dance is still alive in our culture, although the origins of such songs remain a matter of debate.
Gnàthas-cainnt na Litreach
gun chultar a b’ fhiach: without a culture worth talking about.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 12 Oct 2012 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 13 Oct 2012 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Oct 2012 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.