
09/11/2012
Lèirmheas air a' film "The Sapphires", reasabaidhean Geamhraidh a chumas a' fuachd air falbh le Seonag Nic a' Ghobhainn agus air aoigheachd fad a' phrògram an-diugh Sandra NicIlliosa. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Cearc Spàinneach

8 -12 pìosan circe (tha sliasaidean math)
1 uinnean mhòr
1 spàin mhòr ola chroinn-ola (faodar ola sunflower a chleachdadh cuideachd)
2 no 3 isbeanan chorizo air an gearradh nam pìosan beaga
2 phìos creamh air a’ phrannadh
800g balgan-buachair air an gearadh nan slisean
1 phiobar dearg agus 1 phiobar buidhe air an gearradh nan slisean
1 chana tomàtothan
1 spàin tomàto puree
40g tomàtothan tioram air an gearradh beag
1 spàin-teatha paprika
1 spàin-teatha oregano
Salann agus piobar
Glainne fìon geal
1 phìnnt stoc circe
1 chana chick peas no butter beans (faodar seo fhagail as ach tha e glè mhath airson a dhèanamh nas tighe)
Blàthaich an àmhainn gu 6 gas/400F no 200C
Cuir na pìosan circe agus an ola dhan praigheapan airson mionaid no dha gus am bidh an fheòil soilleir donn (cha leig e leas a bhi bruich fhathast).
Gluais na pìosan circe gu soitheach casserole agus cuir chun an darna taobh an dràsta.
Cuir na h-uineanan dhan phana agus praighig iad gus a bheil iad soilleir donn. Cuir ann na balgan-buachair, isbeanan chorizo, creamh agus còcairaich airson a dha no thrì mhionaidean. Cuir ann an còrr dhen stuth gus an tig e chun a’ghoil. Leig leis goil gu socair airson còig mionaidean. Dòirt an t-uachdair air an fheòil circe agus cuir an casserole dhan àmhainn 45 mionaidean agus uair a thìde.
Faodar seo ithe le ribeanan pasta no buntàta prann agus lusan.
Paidh Ubhail

Pastraidh
8oz flùr pleana
2oz geir
2oz ìm
2oz siùcair
Measgaich a h-uile rud ri chèile gus am bidh e gu math mìn. Cuir gu leòr burn ris airson taois a dhèanamh dheth. Cuir dhan a frids e airson 20 gu 30 mionaidean.
1 ½ pùnnd ùbhlan (an sìl air a thoirt as agus air an gearradh nan slisean)
3 oz rèiseid no dearcan-dubha
2oz siùcair donn (bog)
1 spàinn-teatha caineal (cinnamon)
Cairteal cnò-mheannt (nutmeg) air a ghearradh gu mìn
1 ugh air a bhualadh airson ghleans (glazing)
Craiteachain siùcair airson a chuir air uachdar
Blàthaich an àmhainn gu Gas 6 / 400F / 200C
Rolaig a-mach am pastraidh gu tighead bonn airgid not. Còmhdaich triedhe àmhainn le ìm agys cuir am pastraidh air (mu chleachdas tu ìm ceart cumaidh seo am pastraidh gun a bhi amh na mheadhon)
Liacraich an taobh àrd den phastraidh le ugh air a bhualadh (cumaidh seo am pastraidh gun a bhith air a’ bhogachadh leis an t-sùgh.
Measgaich na measan, siùcair agus na spìosraich gu lèir ann am bobhla agus dòirt an teis-meadhan a’ phastraidh.
Paisg oir a phastraidh a-steach air na measan a’dèanamh cìnnteach nach eil toll no sgàineadh timcheall na h-oirean (na gabh cus uallach mu dheidhinn a’ chumadh agus cuimhnich tha còir aige a bhidh caran “rustic” na choltas)
Liacraich ugh air a bhualadh air a’ phastraidh agus crath siùcair air uachdar.
Cuir dhan àmhainn airson 35 mionaidean.
Faodar ithe leis fhèin no le custard, ice cream, bàrr no crème fraiche.
Broadcast
- Fri 9 Nov 2012 12:03ѿý Radio nan Gàidheal