Main content
Sorry, this episode is not currently available

11/11/2012

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 2006 còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill bhon Eaglais Shaor. Gaelic archive service from 2006 conducted by Rev Iain Macaskill, Free Church.

Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo, cluinnidh sinn seribhis sònraichte airson Là Sàbaid Cuimhneachaidh a chaidh a thoirt thugainn còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill bhon Eaglais Shaor ann an 2006.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:

Salm 40 : 1-2 air fonn St David. Os cionn na seinn - Ailean Guine, le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil

Salm 85 :9-10 air fonn Evan. Os cionn na seinn - Lachlann MacDhùghaill, le taic bho Choitheanal Eaglais Na h-Alba a Loch nam Madadh

Salm 122: 6-9 air fonn Stornoway. Os cionn na seinn - Calum MacLeòid, le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Rubha

Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ephesianach 6: 10-20.

30 minutes

Last on

Sun 11 Nov 2012 21:00

An t-Urr. Iain MacAsgaill

An t-Urr. Iain MacAsgaill

'S e an t-Urr. Iain MacAsgaill, Ministear Eaglais Shaor Ros Cuithne a tha a’ searmonachadh dhuinn ann an Dèanamaid Adhradh an-diugh. An uiridh, ghluais Mgr MacAsgaill à Uibhist far an robh e na mhinistear son an Eaglais Shaor ann an Ceann a Deas Uibhist is Bheinn na Faoghla airson dusan bliadhna. Tha an Eaglais aig Mgr MacAsgaill eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus tha mu 250 anns a' choitheanal aige. Anns a' Mhàirt am-bliadhna, chaidh uallach sònraichte a bhuileachadh air Mgr MacAsgaill. B'e seo a bhith os cionn math spioradail sgioba ball coise Ross County, nì a tha e fhèin a’ faicinn mar shochair mhòr agus seachdain Disathairne gu mòr fa chomhair inntinn.

Rugadh Mgr MacAsgail ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port Adhair Bheinn na Faoghla far an robh e ag obair aig BA son trì bliadhna deug.

B' ann ann an 1997 a thòisich Mgr MacAsgail air searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdal. Bha an coitheanail aige eadar an ceann a deas agus Beinn na Faoghla air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Tha Iain na iar-chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire son Missions eadar-nàiseanta agus cuideachd na bhall de dh'ùghdarras Mhinistearan Moldova. Tha e cuideachd fhathast na chathraiche air “Urras a' Chala” ann an Uibhist a chaidh a stèidheachadh ann an 2003 son cuideachadh le daoine a tha fulang fo bhuaidh na dibhe.

Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl agus am measg an luchd ciùil a tha gu mòr a’ còrdadh ris tha leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash.

Broadcast

  • Sun 11 Nov 2012 21:00