
16/11/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 696
Duration: 05:37
Litir 696: Dùthchas
Bu toigh leam sùil a thoirt air an fhacal ùٳ. Bha mi ag innse dhuibh mu leabhar beag ùr mu dhà eilean Ghàidhealach – Árainn Mhór ann an Èirinn agus Barraigh ann an Alba. Tha an leabhar trì-chànanach. ’S e a thiotal ann an Gàidhlig Dùthchas na Mara; ann an Gaeilge Dúchas na Mara. Tha am facal, agus an dòigh-smaoineachaidh co-cheangailte ris, beò fhathast anns an dà Ghàidhlig.
Ach dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air Dùthchas na Mara? Chan eil facal Beurla coltach ri ùٳ, a bheil? Uill, ’s e an tiotal Beurla a thagh na h-ùghdaran Belonging to the Sea.
Seo na sgrìobh na h-ùghdaran, Iain MacFhionghain agus Ruth Ní Bhraonáin, (air a chur gu Gàidhlig le Rody Gorman): ‘Tha an rannsachadh againn a’ cur an cèill gu bheil aig cridhe [beachdan is giùlan nan eileanach] dòigh-labhairt a tha gu sònraichte Gàidhealach mu fhaireachdainn a tha an comas mhic-an-duine air feadh na cruinne-cè: an fhaireachdainn a thaobh a bhith a’ buntainn ri àite, agus an t-uallach a th’ ort airson an àite sin. A thaobh na Gàidhlig dheth, tha an fhaireachdainn seo – air an do ghabh an sgoilear mòr Gàidhlig Iain MacAonghuis seòrsa de ‘lùth-mothachaidh’ – air a glacadh leis an fhacal nach gabh tionndadh gu furasta, “ùٳ”.’
Tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin a’ mìneachadh, ged gur ann on fhacal Ghàidhlig ùٳ a tha ùٳ a’ tighinn, agus gu bheil ùٳ a’ ciallachadh ‘talamh’ no ‘fearann’, gu bheil an fhaireachdainn aig muinntir nan cladaichean, agus an t-uallach an lùib an fhacail, a’ buntainn a cheart cho math ris a’ mhuir ’s a tha e ris an tìr.
Airson ùٳ a mhìneachadh, tha iad a’ tilleadh gu Iain MacAonghuis: ’S e na th’ ann an ùٳ raon-tuigse làn anns a bheil ‘barrachd na uachdar na ùٳcha no cruinn-eòlas leotha fhèin, no faireachdainn dìreach mun eachdraidh, ach rian-fiosrachaidh foirmeil san tig iad seo uile còmhla. Faodaidh an rud air a bheil an coltas ann an sùilean a’ choigrich a bhith na fhàsach falamh – eireachdail no gun bhrìgh a rèir nam beachdan a tha an uachdar – a bhith na fhearann beothail, ’s dòcha fiù ’s gaisgeil is a’ cur thairis le pearsaichean eachdraidheil – don luchd-ùٳchais.’
Tha sin cho fìor ’s a ghabhas, nach eil? Bidh mi a’ dèanamh tòrr bhùthan-obrach le muinntir na Beurla. Chan eil càirdeas aig a’ chuid mhòir dhiubh don tìr mar luchd-ùٳchais. Ach nuair a chluinneas iad mu dhùthchas nan Gàidheal, tha farmad orra. Tha iad ag iarraidh a bhith dlùth ris an tìr san dòigh sin. Agus ’s e an rud duilich anns an latha sa bheil sinn beò, nach eil ùٳ nan Gàidheal fhèin cho làidir ’s a b’ àbhaist. A thaobh ar fèin-aithne mar shluagh, chanainn gu bheil e riatanach gu bheil sinn moiteil asainn fhèin mar dhaoine le ùٳ, a tha ùٳach do dh’Alba.
Às dèidh a bhith ag obair le muinntir Árainn Mhór agus Bharraigh, dà choimhearsnachd a tha a’ strì an aghaidh bhuidhnean nàiseanta a tha a’ feuchainn ri iasgach a theannachadh sna h-uisgeachan aca, tha MacFhionghain agus Ní Bhraonáin ag ràdh gu bheil diofar sheallaidhean dhen t-saoghal aig bunait na strì. Tha iad ag ràdh, nam biomaid a’ toirt spèis a bharrachd don eòlas thraidiseanta aig na h-eileanaich air na h-uisgeachan aca fhèin gum biomaid uile na b’ fheàrr dheth. Abair e.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
an dòigh-smaoineachaidh: the way of thinking; tha an rannsachadh againn a’ cur an cèill : our research suggests; gu bheil aig cridhe [beachdan is giùlan nan eileanach] dòigh-labhairt: that at the heart [of the beliefs and conduct of the islanders] is an expression; a tha an comas mhic-an-duine air feadh na cruinne-cè: that is universally potential in human beings; a bhith a’ buntainn ri àite: of belonging to a home place; nach gabh tionndadh gu furasta: that cannot be easily translated; muinntir nan cladaichean: maritime folk; an t-uallach an lùib an fhacail: the responsibility implicit in the word; barrachd na uachdar na ùٳcha no cruinn-eòlas leotha fhèin: not so much a landscape nor a sense of geography alone; rian-fiosrachaidh foirmeil san tig iad seo uile còmhla: a formal order of experience in which these are all merged; sùilean a’ choigrich: the view [eyes] of a stranger; eireachdail no gun bhrìgh a rèir nam beachdan a tha an uachdar: magnificent or drab according to prevailing notions; a’ cur thairis le pearsaichean eachdraidheil: overflowing with historic figures; tha farmad orra: they are envious; dlùth ris an tìr: close to the land; moiteil asainn fhèin mar dhaoine le ùٳ, a tha ùٳach do dh’Alba: proud of ourselves as people with ùٳ, who belong to Scotland; aig bunait na strì: at the basis of the struggle; gum biomaid uile na b’ fheàrr dheth: that we would all be better off.
Puing-chànain na Litreach
The subject of this week’s Litir is the word ùٳ which might be translated as ‘belonging’ but is more powerful than that. The dictionaries give ‘heredity, instinct, nationality, birthplace, native spirit or blood, hereditary right’. The native fishermen of Barra, for example, have a ùٳ which is special; they have it at that intensity for nowhere else and no other group has it at that intensity for the waters of Barra. The Gaelic scholar Dr John MacInnes, from a terrestrial perspective, writes about a holistic understanding which encompasses ‘not so much a landscape, not a sense of geography alone, nor of history alone, but a formal order of experience in which all these are merged. What is to a stranger an expanse of empty countryside – magnificent or drab according to prevailing notions – to the native sensibility can be dynamic, perhaps even heroic, territory peopled with figures from history and legend’. Are the Gaels ‘indigenous’ to Scotland? If we accept ‘indigenous’ as a translation of ùٳach, absolutely. Seo ar ùٳaich!
Gnàthas-cainnt na Litreach
A thaobh ar fèin-aithne mar shluagh: as regards our identity as a people.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 16 Nov 2012 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 17 Nov 2012 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Nov 2012 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.