Main content
Sorry, this episode is not currently available

30/11/2012

Taisbeanadh Na mo chuid Aodaich, reasbaidhean airson làithean Geamhraidh còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn
agus tha Sarah NicEachain air aoigheachd fad a' phrògram. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Fri 30 Nov 2012 12:03

Clip

Bàllaichean–feòila ann an Sùth Tomato

1 punnd feòil mairt air a phronnadh (no faodar leth phunnd feòil mairt agus leth phunnd feòil muice a’ chleachdadh

1 uinnean beag air a' ghearradh mìn.

1 ugh

Salann agus piobar

Measgaich a h-uile cail ann am bobhla (faodaidh tu do làmhan a chleachdadh )

Deàn bàllaichean dhen an stuth. Cleachd spàin bròt airson seo a' dheànamh - bu chòir dhut dusan fhaighinn as.

Cuir na bàllaichean dhan àmhainnair treidhe aig teas 200C, 400F no Gas 6 airson 10-15 mionaidean.

An Sùgh

2 no 3 sliseag hama air a ghearradh beag

1 uinnean beag air a ghearradh

2 chanastair tomàto, air an gearradh

1 spàin-meodhanach taois tomàto

1 spàin-meadhanach ola

Praighig a’ hama agus na h-uinneanan airson mionaid no dhà gus a bheil a’ hama bruich. Cuir ris na tomàtoan agus an taois tomàto ( tha an taois tomato a’ deanamh an sùgh nas tighe agus a toirt blas nas làidire dha)

Aig an àm seo bu chòir dha na bàllaichean-feòila a bhith deiseil airson an toirt a mach as an àmhainn agus an cuir dhan an t-sùgh tomàto. Goil gu socair anns an t-sùgh airson 30 mionaidean. Faodar piobar air ùr bhleith a chuir ris ach cha bhi feum air salann oir tha a’ hama a’ dèanamh an t-sùgh saille gu leòr.

Ithe le ge bith dè am “pasta” is fheàrr leat fhèin.

Spuing le Peur agus Dinnsear

1 soitheach àmhainn no tiona ceic cruinn ( mu mheud 8” x 2”)

6 peuran

8 unnsa flùr-èirigh

6 unnsa ìm

6 unnsa siùcar castoir buidhe

3 ughean meadhanach mòr

2 spàin-tì rèidh dinnsear

½ spàin-tì rèidh spìosraich measgaichte

½ unnsa ìm

2 spàin mhòr siùcar donn

Liacraich tiona àmhainn le ìm agus crath an da spàin shiùcar air a’ bhonn

Ruisg na peuran agus geàrr nan dà leth agus thoir asda an sìol. Cuir na peuran, an taobh rèidh sìos, dhan t-soitheach.

Measgaich an t-ìm agus an siùcar ann am bobhla gus a bheil e bog. Cuir ris na h-ughean beag air bheag. Ann am bobhla eile measgaich am flùr, an dinnsear agus na spìosraich. Air do shocair paisg am flùr beag air bheag dhan ìm. Dòirt air uachdar na peuran. Cuir dhan an àmhainn aig teas 180C / 350F /Gas 4 airson 40 gu 45 mionaidean.

Fàg e airson mionad no dhà mus roinn thu a-mach e oir bi an sùgh gu math teth.

Ith le “custard” no bàrr.

Broadcast

  • Fri 30 Nov 2012 12:03