
Dèanamaid Adhradh
An act of worship.
An t-Ollamh Urramach Tormod MacÌomhair

Rugadh Tormod MacÌomhair ann an Glaschu ann an 1941. Bhuineadh athar do sgìre Chàrlabhaigh agus a mhàthair do sgìre Leumrabhagh. Bha triùir bhalach san teaghlach agus b’ e Tormod a bu shine. Thòisich e anns an sgoil ann an Glaschu agus bha e fhèin agus Irene (a’ bhean aige )air an aona chlàs aig an àm sin san aon sgoil.
Ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e sia bliadhna a dh’aois agus chaidh iad a dh’fhuireach a Chàrlabhagh far an robh athar dol a dh’obrachadh croit a theaghlaich. Bhàsaich athar nuair a bha Tormod deich bliadhna a dh’aois agus ghluais a mhàthair san teaghlach air ais a Ghlaschu bliadhna an dèidh sin. Chaidh iad air ais a dh’fhuireach dhan aon taigh san robh iad roimhe sin agus a’ frithealadh an aon eaglais agus sgoil.
Chaidh Mgr MacÌomhair gu Àrd-Sgoil Woodside airson foghlam aig àrd ire agus am measg nan cuspairean a bhathar a’ teagasg san sgoil sin aig an am bha a’ Ghàidhlig. Cho fad ‘s a bha e san sgoil fhuair e urram Caiptein na sgoile. Chaidh e an uairsin gu Oilthigh Ghlaschu airson ùine ghoirid agus an dèidh sin fhuair e cosnadh ann an gnìomhachas àrachais. Thug Irene a-mach àrd dhreuchd na banaltram. Ann an 1963 phòs iad, bha ceathrar chlann-nighean aca agus cheumnaich e fhèin à Oilthigh Chaledonia ann an Glaschu.
Ann an 1970 chaidh Mgr MacÌomhair air ais dhan oilthigh agus e nise a’ leantainn dreuchd na ministrealachd . Cheumnaich e le MA agus BD à Oilthigh Ghlaschu ann an 1976 agus thug e mach dreuchd ministear. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Paraiste Newhills ann an Obar Dheathain ann an 1976 agus bha e a’ frithealadh an aon choitheanal gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.
Cho fad sa bha e na mhinistear ann an Newhills bha e gu mòr a’ sàs ann an obair ministrealachd aig ire nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bhiodh e a’ siubhail gu àiteachan fad às mar na Philippines, Thailand, Brazil, Hungary, Israel agus na Stàitean Aonaichte. Bha e na àrd-stiùiriche aig Eaglais na h-Alba ann a bhith taghadh dhaoine a bha freagarrach airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Bha e cuideachd na bhall air iomadach comataidh eile , nam measg Comhairle an Àrd Sheanadh far an robh e na neach-gairm air Comataidh a’ Chonaltraidh agus Comataidh na Gàidhlig . Bha e cuideachd na Mhodaràtor air clèir Obar Dheathain ann an 1988. Cheumnaich Mgr MacÌomhair le Urram Dotaireachd bho Seminary Diadhachd Pittsburgh an co-phàirteach ri Oilthigh Obar Dheathain ann an 2003. Tha e an-diugh na riaghladair air Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd agus air a’ bhuidheann Forward Together.
As dèidh dreuchd paraiste a leigeil seachad chaidh Mgr MacÌomhair agus a bhean Irene air cuairt tri mìosan air feadh an t-saoghail. Bidh e fhathast a’ searmonachadh ann am paraistean faisg air fhèin ann an sgìre Ghòrdain, agus bho chionn dà bhliadhna bha e ri chluinntinn a’ searmonachadh ann an Nassau anns na Bahamas. Shearmonaich e cuideachd air bàtaichean-cruise anns a’ Charibbean agus chualas e a’ seinn anns a’ Ghàidhlig air na tursan aige.
Mar a thuirt e fhèin “Tha mi air mo bheannachadh , tha mi slàn fallain, tha bean gràdhach agam (leth cheud bliadhna pòsta an ath-bhliadhna) ceathrar chlann-nighean agus iad uile pòsta agus dusan ogha àlainn – agus cuideachd fhathast air chothrom a bhith toirt seirbheis do Dhia”.