Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 16 Dec 2012 14:55

Clip

Litir 700: Sgàthach, Cù Chulainn agus na Cnothan-calltainn

Thairis air na trì seachdainean a dh’fhalbh, tha mi air a bhith a’ bruidhinn mun chraoibh-challtainn. Bu mhath leam crìoch a chur air an t-sreath le seann stòiridh às an Eilean Sgitheanach, anns a bheil cnothan-calltainn a’ nochdadh.

Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas a’ chnotha-challtainn mar chnò an eòlais. Tha stòiridh ann mu na naoi cnothan-calltainn a chaidh ithe le bradan. Bho sin a-mach, ’s e bradan an eòlais a bh’ ann. ’S ann bho bhradan an eòlais a fhuair Fionn MacCumhail na comasan inntinn aige.

Tha an stòiridh Sgitheanach a’ dol air ais don linn nuair a bha boireannach air leth cumhachdach agus treun a’ fuireach anns an eilean. ’S e Sgàthach an t-ainm a bh’ oirre agus bha i a’ fuireach ann an Càisteal Dhùn Sgàthaich ann an Slèite. Bha sgoil sabaid aice. Bhiodh i ag oideachadh ghaisgeach òga ann an sgilean cogaidh.

Dh’fhàs an sgoil ainmeil thall thairis agus chuala an gaisgeach Ultach, Cù Chulainn, mu a deidhinn. Bha esan iomraiteach ann an Èirinn. Bha e treun is làidir gu leòr airson stad a chur air armailt.

An dèidh dha a bhith a’ sabaid, bhiodh uiread de chuthach air ’s gum biodh trì amaran air an dèanamh dha. Bha iad làn uisge fuar. Nuair a leumadh e don chiad fhear, bhiodh an t-uisge a’ goil agus a’ falbh mar deatach. Bhiodh an dàrna fear a’ goil agus a’ cur thairis. Bhiodh an treas fear an uair sin na amar teth.

Nuair a chuala Cù Chulainn mun sgoil aig Sgàthach, chaidh e, ann an trì cas-cheumannan, don Eilean Sgitheanach. Bha e an dùil, leis gun robh e na ghaisgeach ainmeil ann an Èirinn, gun cuireadh Sgàthach fàilte mhòr air. Ach cha do chuir. Cha robh cliù Chù Chulainn aithnichte ann an Alba aig an àm sin.

Bha Cù Chulainn feargach agus chuir e dùbhlan sabaid ron a h-uile oileanach eile san sgoil. Rinn e a’ chùis orra gu lèir. Mhothaich Sgàthach an uair sin e. Thug i cead dha sabaid le a nighinn, rud nach tachradh mar bu trice le oileanaich ùra. An dèidh dà latha is oidhche, thug Cù Chulainn buaidh air a nighinn.

Thàinig Sgàthach fhèin. Rinn i fhèin is Cù Chulainn sabaid airson dà latha is oidhche. Ach cha robh duine seach duine aca buadhach.

Dh’iarr nighean Sgàthach air a maighdeanan bainne fèidh a thoirt dhi. Rinn i càise dheth. Ach chan itheadh a màthair no Cù Chulainn dad dhen chàise. Chuir i gaisgich a-mach airson fiadh a mharbhadh. Ròst i an fheòil, ach chan itheadh Sgàthach no Cù Chulainn dad dhith.

An uair sin chuir i na gaisgich a-mach gu ruige na craobhan-calltainn ri taobh nan allt air cliathaich beinn faisg air Sligeachan – Broc Bheinn. Thug iad cnothan-calltainn air ais leotha. Ròst an nighean fiadh eile agus lìon i a bhrù le cnothan-calltainn ròsta. Dh’ith Sgàthach agus Cù Chulainn sin.

Bha Sgàthach agus Cù Chulainn le chèile an dòchas gum biodh cnothan an eòlais a’ leigeil leotha buaidh a thoirt air an neach eile. Ach nuair a dh’ith iad na cnothan, fhuair iad eòlas na sìthe. Gheall iad nach dèanadh iad sabaid le chèile tuilleadh. ’S dòcha gum bu chòir dhuinn uile a bhith ag ithe barrachd chnothan-calltainn!

Faclan na Litreach

craobh-challtainn: hazel tree; Fionn MacCumhail: Fingal, Finn MacCoul; sgoil sabaid: a fighting school; iomraiteach: renowned; buadhach: victorious; bainne fèidh: deer milk; Sligeachan: Sligachan.

Abairtean na Litreach

bu mhath leam crìoch a chur air an t-sreath: I would like to conclude the series; às an Eilean Sgitheanach: from Skye; cnò an eòlais: the nut of knowledge; air leth cumhachdach agus treun: extremely powerful and brave; bhiodh i ag oideachadh ghaisgeach òga ann an sgilean cogaidh: she would instruct young heroes in the skills of war; gaisgeach Ultach: Ulster hero; làidir gu leòr airson stad a chur air armailt: strong enough to stop an army; bhiodh uiread de chuthach air ’s gum biodh trì amaran air an dèanamh dha: he was so fired up with apoplexy that three baths would be prepared for him; bhiodh an t-uisge a’ goil agus a’ falbh mar deatach: the water would boil and evaporate; trì cas-cheumannan: three steps; gun cuireadh Sgàthach fàilte mhòr air: that Sgàthach would give him a warm welcome; rinn e a’ chùis orra: he defeated them; sabaid le a nighinn: to fight with her daughter; thug X buaidh air Y: X defeated Y; chan itheadh a màthair no Cù Chulainn dad dhen chàise: neither her mother nor Cuchullin would eat any of the cheese; ròst i an fheòil: she roasted the meat; gu ruige na craobhan-calltainn ri taobh nan allt air cliathaich beinn: to the hazel trees near the burns on the side of a mountain; lìon i a bhrù le cnothan-calltainn ròsta: she stuffed it with roast hazelnuts; eòlas na sìthe: the knowledge of peace; nach dèanadh iad sabaid le chèile tuilleadh: that they wouldn’t fight each other anymore.

Puing-chànain na Litreach

rud nach tachradh mar bu trice le oileanaich ùra: something that wouldn’t usually happen with new students. If you look up ‘usually’ in an English-Gaelic dictionary you will find mar as trice or mar bu trice. When is each used? The assertive verb ‘is’ is contained within the expression mar as trice. The past and conditional forms of the verb are both ‘bu’. So where the past or conditional are employed, the form is mar bu trice. In the example in the Litir, the tense is conditional/past habitual (translated into English as ‘would’ or ‘wouldn’t’) so the form is mar bu trice.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Cha robh cliù Chù Chulainn aithnichte: Cuchullin’s reputation wasn’t recognised.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 14 Dec 2012 11:55
  • Sat 15 Dec 2012 10:55
  • Sun 16 Dec 2012 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast