Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev K MacDonald, Assistant Minister Church of Scotland.

Se an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach a tha na mhinistear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba a tha searmonachadh dhuinn air an t-seachdain-sa ann an Dèanamaid Adhradh. Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm is leughadh a leanas:

Salm 145: 1-3 air fonn Evan, os cionn na seinn bha Fionnlagh MacRisnidh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.

Salm 68: 18-19 air fonn Walsall, os cionn na seinn bha Dòmhnall MacIlleathain le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Salm 32: 1-2 air fonn St David, os cionn na seinn bha Gordon MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath

Leughadh: Lucas 5: 17-26
Ceann teagaisg: Lucas 5: 17-26

Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-Sgoil Inbhir Pheofharain agus an oilthighean Ghlaschu is Cambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltise an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na mhinistear-cuideachaidh an Eaglais na h-Alba. Bha e gu bho chionn ghoirid an sàs anns an obair sin an Eaglais an Naoimh Pòil ann am Muileann Dhabhaidh air iomall Ghlaschu.

30 minutes

Last on

Sun 6 Jan 2013 15:00

An t-Urramach Coinneach Dòmhnallach

An t-Urramach Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 6 Jan 2013 09:00
  • Sun 6 Jan 2013 15:00