
10/02/2013
Còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill, Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Gaelic religious service conducted by Canon James MacNeil, St Columba's Cathedral, Oban.
Ann an Dèanamaid Adhradh an-diugh, còmhla ri Mgr Seumas MacNèill, cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhà gh a Tuath ann am Barraigh a' seinn na leanas:
Thighearna, Thà inig Thu Chun na Linne
An Gloria
Kyrie
Mise Dia na Muir 's na Speur
Salm 24 - A Thighearna, Seall Dhomh do Dhòighean
Padraig Hughes a' seinn an 'Alleluia'
Maeve NicFhionghuin - Laoidh an Iasgair
Chualas cuideachd na leughaidhean seo:
A' chiad leughadh bhon Fhà idh Isaiah 6: 1-8 agus an dà rna leughadh bhon Chiad Litir aig Naomh Pòl gu muinntir Chorinth 15: 1-11, air an leughadh le Anna Nic na Ceà rdaich. Bha
Soisgeul Naomh a rèir Luc 5: 1-11 air a leughadh le Angela NicFhionghuin.
Rugadh Mgr Seumas ann an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e son ionnsachadh a bhith na shagart.
Bha Mgr Seumas na shagart an toiseach ann am Morar agus Beinn a' Bhaoghla agus an uairsin ghluais e gu Oilthigh Ghlaschu far an robh e a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd airson còig bliadhna. Chaidh e an uairsin dhan Eilean Sgiathanach agus b' e a' chiad sagart-paraiste a bh' air sgìre an Eilein Sgiathanaich. Aig an à m sin bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh.
Tha Mgr Seumas an-diugh stèidhichte aig Cathair-Eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban agus 's e an iar-easbaig a tha air Sgìre Easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh 's a' coiseachd.
Last on
More episodes
Previous
Mgr Seumas MacNèill

Broadcasts
- Sun 10 Feb 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Feb 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal