Main content

Còmhla ris an Urr Ìomhair Màrtainn, 2013

Seirbheis còmhla ris an Urr Ìomhair Màrtainn nuair a bha e na mhinistear air Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, 2013. Gaelic religious service from 2013 with Rev Iver Martin, Stornoway.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 122: 1-2 air fonn London New agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 40: 1-3 air fonn Ballerma agus os cionn na seinn tha Murchadh MacÌomhair le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Leughadh: 1 Rìghrean 19: 1-13
Ceann-teagaisg: 1 Rìghrean 19:13

B' ann an sgìre Phàislig ann an Glaschu a rugadh 's a thogadh Ìomhar Màrtainn - bha athair aig an àm na mhinistear aig an Eaglais Shaor anns an sgìre.

Às dèidh an sgoil fhàgail chaidh Ìomhar gu Colaiste Raibeart Gordon's ann an Obar Dheathain far an do cheumnaich e ann an eileagtronaigs ann an 1980. Fhuair e obair na innleadair ann an gnìomhachas micro-eileagtronaigeach far an robh e airson 12 bliadhna.

Ann an 1992 chaidh Ìomhair gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson foghlam na ministrealachd a thoirt a-mach.

Chuir e seachad ùine ghoirid ann an Steòrnabhagh an toiseach nuair a thàinig e mach na mhinistear agus às a sin chaidh e a dh'eaglais Bon Accord ann an Obar Dheathain airson 6 bliadhna. Ghluais e an uair sin gu Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus ann an 2015 chaidh ainmeachadh mar Phrionnsabal air Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.

Tha Maighstir Màrtainn pòsta aig Màiri agus tha 6 chloinne agus 8 oghaichean aca. Is caomh leis a bhith dèanamh tòrr leughaidh nuair a gheibh e ùine dha fhèin.

20 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 7 Sep 2025 21:00

Broadcasts

  • Sun 17 Feb 2013 09:00
  • Sun 17 Feb 2013 15:00
  • Sun 28 Jan 2024 21:00
  • Sun 7 Sep 2025 21:00