
17/03/2013
Còmhla ri Iain MacRath a tha na dheucon ann an Eaglais Shaor Chrosaboist ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Ian MacRae, deacon in Crossbost Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is a' leughadh a leanas:
Salm 91: 1-3 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Coinneach M MacLeòid le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 20 : 5-6 air fonn Montrose, os cionn na seinn Calum MacAoidh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 59: 16-17 air fonn Torwood, os cionn na seinn Ailean Gunna le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: 2 Eachdraidh 14
Ceann-teagaisg 2 Eachdraidh 14: 11
'S ann à Garrabost ann an Leòdhas a tha Iain MacRath. Nuair a dh' fhà g e an sgoil chaidh e gu Oilthigh Obair Dheathain, far an do cheumnaich e ann an Eòlas Gà idhlig. Bha e an sàs ann an diofar obraichean-leasachaidh ann an Leòdhas agus ann an Inbhir Nis mus deach e a dh'obair do Chomhairle na Gà idhealtachd, agus b'ann anns an Roinn Shòisealta a bha e an sin. Nuair a bha e ag obair an sin ghabh e ùidh ann an obair a bha e air a bhith a' seachnadh iomadh bliadhna, agus b'e sin a bhith na fhear-teagaisg. Tha e air a bhith a' teagasg anns a' bhunsgoil ann an Sgoil Lionail bho 2007 agus an-diugh is e iar-cheannard na sgoile.
Chaidh Iain a thogail ann an dachaigh Chrìosdail, agus chuir e fhèin eòlas pearsanta air Crìosd mar Shlà naighear ann an 1991, nuair a bha e ceithir bliadhna deug . Thog e fianais ann an Eaglais Shaor a' Chnuic goirid às dèidh sin. Tha e na dheucon ann an Eaglais Shaor nan Loch, far am bheil e an sàs gu mòr ann an obair an t-soisgeil ; tha e anns an Sgoil Shà baid, tha e an sàs ann an cuairt-litir na h-eaglais' agus bho à m gu à m bidh e a' searmonachadh.
Tha e air a bhith pòst' aig Criosaidh, à Ranais, na Lochan, bho 2001, agus tha iad a' fuireach ann an Lacasdal.
Last on
Broadcasts
- Sun 17 Mar 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Mar 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Aug 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Aug 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal