
28/04/2013
Còmhla ris an Urr Coinneach Fearghasdan a bha na mhinistear an Eaglais Shaor Chrois. Gaelic religious service with Rev Kenny Ferguson, retired minister Cross Free Church, Ness.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus a' leughadh a leanas:
Salm 119, 41-42 air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urramach Niall Seathach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhirnis.
Salm 36, 7-8 air fonn London New, os cionn na seinn bha Ailean Gunna le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a Chaoil.
Salm 125, 1-2 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha.
Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ròmanach 15: 1-13
Ceann teagaisg: Litir an Astoil Pòl a-chum nan Ròmanach 15:13
Rugadh an t-Urr Coinneach Fearghasdan air a' Bhac ann an Leòdhas ann an 1946. Chaidh e a sgoil a' Bhac agus gu Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas far an robh ùidh mhòr aige ann a bhith ag obair le aodach. Lean e air adhart le obair-rannsachaidh air a' chuspair ann an Colaiste Theicnigeach ann an Dewsbury. Thill e air ais a Leòdhas ann an 1965 far an do chuir e seachad sia bliadhna deug ag obair ann an gnìomhachas a' chlò mhòir.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhgr Fhearghasdan ann an 1970. Bha ùidh mhòr aige anns na searmoin aig an Urr Murchadh MacAmhlaigh a bha na mhinistear aig an à m sin air a' Bhac.
Chaidh Mgr Fearghasdan air ais dhan oilthigh grunn bhliadhnaichean an dèidh sin agus fhuair e teisteanas BA ann am Beurla agus Eachdraidh. An dèidh sin, chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chrosaboist ann an 1984. Tha Mgr Fearghasdan air a mhinistrealachd air fad a chur seachad ann an Leòdhas - an dèidh sia bliadhna deug air na Lochan ghluais e an uair sin gu Nis far an robh e na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chrois bho 2000 gu 2012.
Tha Mgr Fearghasdan air a bhith air iomadach comataidh thar nam bliadhnaichean, nam measg na chathraiche air a' Chomataidh Stiùiridh aig Ionad Cùraim Bhethesda ann an Steòrnabhagh.
Leig Mgr Fearghasdan dheth a dhreuchd an uiridh. Tha e air tilleadh a dh'fhuireach air a' Bhac far am bi e a cur seachad ùine anns a ghà rradh agus tha là n dhùil aige cuideachd tòrr iasgaich a' dhèanamh leis an eathar aige. Tha e cuideachd air a chumail trang a' searmonachadh ann an coitheanalan thall sa bhos.
Last on
An t-Urramach Coinneach Fearghasdan

Broadcasts
- Sun 28 Apr 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Apr 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2013 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2013 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal