Main content
Sorry, this episode is not currently available

Moira NicIllEathain a' mìneachadh tinneas-cridhe le dotair agus cuid air na bhuail e. Moira Maclean examines coronary heart disease with a GP and talks to some patients.

Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.

An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas-cridhe. Tha i a' bruidhinn ri Seòras Macleòid, an t-Urramach Calum Macleòid agus Mairead NicBhatair a tha air fulang leis an tinneas. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr, mar a thachair dhaibh às dèidh sin agus mar a tha iad an-diugh. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas-cridhe, dè a tha dha adhbharachadh agus ciamar as urrainn dhuinn an cunnart dhuinn fhèin a lùghdachadh. Tha Donna Ghreumach na banaltram a tha cuideachadh dhaoine a tha a' faighinn seachad air obair-lannsa às dèidh tinneas-cridhe agus i ag innse cho cudromach agus a tha dòigh-beatha sa ghnothach agus gu bheil biadh mar 80% dhen sin agus eacarsaich mar 20%.

30 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2013 10:00

Clip

Credit

Role Contributor
Producer Aisling Heraughty

Broadcasts

  • Wed 8 May 2013 13:30
  • Wed 8 May 2013 21:03
  • Sun 12 May 2013 10:30
  • Tue 26 Nov 2013 13:30
  • Tue 26 Nov 2013 22:00
  • Sun 1 Dec 2013 10:00