Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Seirbheis còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sinn na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Mgr Ros Crichton a' seinn Do Làmh a Chrìosda
Màiri NicAonghais le taic bho Phòl MacCaluim agus Kathleen NicAonghais a' seinn Gràdh Dhè
Kathleen NicAonghais le taic bho Mhàiri NicAonghais a' seinn Dèan Mise Nam Thosgaire Dhè do Shìth

Leughadh: Eòin 14: 13-21 & 25-27

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donnain ann an Uibhist a Deas, chaidh e dhan sgoil an sin agus a Sgoil Dhalabroig. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, naoi ceud deug trì fichead 's a h-aon deug. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh.
Bha Iain Eàirdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-Inntinn ann an Lodainn an Iar gu bho chionn ghoirid, a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e nis air a dhreuchd a leigeil dheth .
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Bànrigh le bhean Màiri, tha dithis de theaghlach aca, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraidh dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Bidh e tric ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailteach ionnsachadh nuair a tha e siubhail anns a' chàr. Gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith feuchainn orra. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf, a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh corra phìos sgrìobhaidh dhan Ghàidhlig.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 5 May 2013 09:00
  • Sun 5 May 2013 15:00
  • Sun 25 Aug 2013 09:00
  • Sun 25 Aug 2013 15:00