Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòmhnall Dòmhnallach

Dòmhnall Dòmhnallach a' cuimhneachadh air a bheatha aig muir. An-diugh; Korea a Tuath. Donald MacDonald recalls the time he spent in North Korea when he was in the merchant navy.

Is iomadh cuimhn' a th'aig Dòmhnall Dòmhnallach à Siadar Iarach air na bliadhnachan a chuir e seachad aig muir. Tha e air tadhal air grunn dhùthchanan air feadh an t-saoghail; nam measg, Afraga, na Stàitean Aonaichte, Ameireagaidh a Deas, Eileanan nan Innseachan an Iar, agus na dùthchanan comhaoineach mar Sìona, Korea a Tuath agus An Ruis.

Cha b'e slighe shìmplidh a thug gu muir e ach, mar a mhìnicheas e fhèin, cha robh aithreachas sam bith air gun do dh'atharraich e cùrsa a bheatha às dèidh beagan bhliadhnachan ag obair air tìr.

Anns a' phògram seo tha Dòmhnall a' cuimhneachadh air an ùine a chuir e seachad ann an Korea a Tuath; dùthaich Chomhaoineach a tha fhathast an ìre mhath dùinte dhan t-saoghal a-muigh.

30 minutes

Last on

Sun 26 May 2013 09:30

Broadcasts

  • Thu 23 May 2013 13:30
  • Thu 23 May 2013 22:00
  • Sun 26 May 2013 09:30