Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Iain Pòl MacFhionghain, sagart paraiste Eilean Bharraigh

Còmhla ri Mgr Iain Pòl MacFhionghain, sagart paraiste Eilean Bharraigh. A Gaelic religious service conducted by Father John Paul MacKinnon, parish priest of Barra.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean seo:

Maeve NicFhionghain - An Coisrigeadh Mallaigeach
Còisir Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath - Salm 32 agus Seo an Gaol mar Meud na Mara
Pauline NicDhòmhnaill - Gloria
Kathleen NicAonghais le taic bho Mhàiri NicAonghais - Dèan Mise Nam Thosgaire Dhe Do Shìth

Leughaidhean:
Còigeamh Leabhar Mhaois, Deuteronomi 6: 2-6
Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Galatianach 5: 1 & 13-18
Soisgeul Lùcais 10: 25-37

Ceann-teagaisg: Soisgeul Lùcais 10: 25-37

Rugadh Mgr Iain Pòl ann an Dalabrog an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail san sgìre sin gus an robh e ochd deug. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Dhalabroig agus ann an Sgoil Lionacleit.

Bha ùidh riamh aige ann an obair na sagartachd agus bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine a' sàs ann an gnothaichean na h-eaglaise na òige. Aig ochd deug rinn e co-dhùnadh gur e seo an t-slighe a bha e airson a leantainn agus chaidh e do Cholaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Salamanca sa Spàinn airson trèanadh. Bha Mgr Iain Pòl seachd bliadhna sa Spàinn mus tàinig e a-mach na shagart air an 24 den Ògmhios 1999, agus ghabh e a bhòidean san eaglais far an deach a thogail, Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog.

Bha Mgr Iain Pòl stèidhichte aig Eaglais Naomh Moire ann am Beinn a' Bhaoghla airson a' chiad seachd mìosan agus chaidh an uairsin a ghluasad gu Eaglais Naomh Mun ann an Dùn Omhain na shagart-cuideachaidh. Às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire agus Calum Cille ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus cuideachd a' frithealadh paraistean an Aghaidh Mhòir agus Bhail' Ùr nan Granndach. Chur e seachad ùine cuideachd na shagart paraiste ann am Bail' a' Chaolais mus deach a ghluasad a Bhàgh a' Chaisteil. Tha Mgr Iain Pòl an-diugh a' coimhead às dèidh na paraistean eile a th' aig an eaglais ann am Barraigh, bhon a leig an Canan Aonghas MacCuidhein dheth uallach paraiste.

Bhiodh sibh air eòlas a chuir air Mgr MacFhionghain, cuide ri sagairt eile bho sgìr'-easbaig Earra Ghaidheil 's nan Eilean, anns an t-sreath phrògraman, An Island Parish, a bha air ÃÛÑ¿´«Ã½2 grunn bhliadhnaichean air ais.

Nuair a gheibh Mgr Iain Pol ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith a' cluich golf, a' leughadh, ag èisteachd ri ceòl, agus a' coimhead ball-coise. Tha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh, dualchas, biadh agus fìon na Spàinne.

30 minutes

Last on

Sun 18 Jun 2017 21:00

Mgr Iain Pòl MacFhionghain

Mgr Iain Pòl MacFhionghain

Broadcasts

  • Sun 2 Jun 2013 09:00
  • Sun 2 Jun 2013 15:00
  • Sun 18 Jun 2017 21:00