Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhirnis. Religious service conducted by Donald J Morrison, Missionary Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 68:18, air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urr Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Salm 72, 18-19 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Seamanearaidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh

Leughadh; 1 Corintianaich 15: 34-36 & 42-58

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite is brèagha de dh'Alba agus am pìos is fheàrr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.

Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta son còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon a' roinn phoblach agus phrìobhaideach airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, as dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeul gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.
Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova air taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus tha e air tadhail an sin grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn anns a' sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thàladh ann leis a' bhuaidh a th' aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas àit' ùr a thogail dhaibh mar thaigh-ùrnaigh agus cuideachd taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda.

30 minutes

Last on

Sun 16 Jun 2013 15:00

Credit

Role Contributor
Producer Angela MacKinnon

Broadcasts

  • Sun 16 Jun 2013 09:00
  • Sun 16 Jun 2013 15:00