
05/07/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
ProducerMaggie MacKinnon.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 729
Duration: 05:00
Litir 729: Seachdnar Chnòideirt - Pàirt 1
Cò iad na daoine seo? Alasdair Mac-a-Phì, Dòmhnall Mac-a-Phì, Uilleam Quinn, Jack McHardy, Donnchadh MacPhàil, Eairdsidh Dòmhnallach agus Eanraig MacAsgaill? Chan eil sibh cinnteach? Rinn iad iad fhèin ainmeil anns an t-Samhain naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1948).
’S iad na daoine – na gaisgich, gu dearbh – a rinn agairt air fearann air taobh an iar na Gàidhealtachd – ann an sgìre a bha fo smachd uachdarain aig an robh, agus aig a bheil fhathast, fìor dhroch chliù. B’ iad sin Seachdnar Chnòideirt. Air an ochdamh latha dhen t-Samhain, chaidh iad a-steach air na tuathanasan ann an Cille Chomhghain agus Sgotas ann an Cnòideart, agus chomharraich iad pìosan fearainn dhaibh fhèin. Agus cha robh an t-uachdaran toilichte.
Mar a sgrìobh Seumas MacEanraig anns an òran ainmeil aige ‘The Men of Knoydart’: Twas down by the farm of Scottas, Lord Brocket walked one day, and he saw a sight that troubled him far more than he could say. For the seven men of Knoydart were doing what they'd planned. They'd staked their claim, they were digging their drains on Brocket's private land.
Dona ’s gu bheil cliù cuid de dh’uachdarain air a’ Ghàidhealtachd anns an naoidheamh linn deug agus san fhicheadamh linn, ’s e glè bheag dhiubh aig a bheil cliù cho dona ris a’ Mhorair Brocket. Chan e a-mhàin gun robh e coma mu chòraichean muinntir an àite, ach gu robh e na dheagh charaid do dh’Adolf Hitler. Cha chuala mi riamh facal math mu dheidhinn air a’ Ghàidhealtachd. ’S dòcha gun robh e laghach ri coin, cait is seann chailleachan, ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach.
A bharrachd air an t-seachdnar a dh’ainmich mi, bha fear eile de mhuinntir Chnòideirt an sàs anns an reud-fearainn – Eairdsidh MacDhùghaill. Bha fearann air a chomharrachadh dhàsan cuideachd ach cha b’ urrainn dha a bhith an làthair, oir bha e ann an seirbheis a’ chrùin – anns na feachdan dìon. Bha mi fortanach gu leòr tachairt ri Eairdsidh turas. Sgrìobh e leabhar mu na thachair agus chùm e cuimhne na coimhearsnachd air gaisge nan reudairean beò fhad ’s a bu bheò e fhèin.
Aig deireadh nan naochadan, nochd aithris sna meadhanan gun robh Eairdsidh air Adolf Hitler fhaicinn ann an Cnòideart anns a’ bhliadhna trithead ’s a seachd (1937). Bha Brocket air cuireadh a thoirt do a charaid Ghearmailteach thighinn don taigh aige ann an Inbhir Aoidh. Bha Eairdsidh, a rèir na h-aithris, ag obair ann an leas an taigh mhòir. Choimhead e suas agus chunnaic e Hitler. Bha seacaid gheal air agus bha a làmhan air am pasgadh air a chùlaibh.
Tha teagamh aig luchd-eachdraidh mun aithris. ’S ann air bàt’-aiginn a dh’fheumadh Hitler thighinn a dh’Alba, agus tha dùil gun robh e ro thrang ann an trithead ’s a seachd, agus e na Sheansalair ann am Berlin, airson a dhol air a leithid de thuras. Ach tha aithrisean ann gun robh von Ribbentrop, a bha na Mhinistear Cèin sa Ghearmailt, agus Sir Oswald Mosley, ceannard nam Faisisteach ann am Breatainn, air aoigheachd aig Brocket ann an Cnòideart.
Cha b’ e Brocket a’ chiad droch uachdaran ann an Cnòideart. Thòisich fuadaichean cho fada air ais ri seachd ceud deug, ochdad ’ s sia (1786) nuair a bha an sgìre fo smachd Clann Dòmhnaill Ghleanna Garadh. Bheir sinn sùil a bharrachd air Cnòideart an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
tha aithrisean ann gun robh von Ribbentrop … air aoigheachd aig Brocket ann an Cnòideart: there are reports that von Ribbentrop … was a guest of Brocket in Knoydart.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 5 Jul 2013 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 6 Jul 2013 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Jul 2013 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.