
07/07/2013
Seirbhis còmhla ris an Urr Raghnall Moireasdan bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by the Rev Ronnie Morrison of the Free Church.
'S e an t-Urr Raghnall Moireasdan, a tha na mhinistear san Eaglais Shaor, a tha searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 22: 22-24 air fonn Coleshill. Os cionn na seinn - an t-Urr Calum Moireasdan le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland
Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock. Os cionn na seinn - Murchadh Moireasdan le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland
Salm 45: 2-3 air fonn Evan. Os cionn na seinn - Alasdair Greumach le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Leughadh : Leabhar an Taisbeanaidh 1 : 1-8
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 1: 8
Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010. Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil seachad tha e fhathast a' fuireach san sgìre.
Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch Iù ann an 1945. Na òige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson ùine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan ann am bà taichean agus ann an iasgach agus bha e san à ite cheart airson sin, ach bha aige cuideachd ri oidhirp mhòr a dhèanamh a' Ghà idhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dhèanamh.
À Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mhòr Ghlaschu - à ite ris a bheil ceangal dlùth aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh'fhà g e an sgoil aig còig bliadhna deug.
Às dèidh an sgoil fhà gail bha e ag obair ann an roinn chlò-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicneòlas thairis cùisean. Nochd diofar obraichean as dèidh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. Às dèidh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann son trèanadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath - a' chiad choitheanal aige agus tha ceanglaichean là idir aige ris an sgìre fhathast.
Dh'fhà g e Uibhist às a dhèidh agus shiubhail e na mìltean a-null gu ruige Sydney, Astrà ilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fhèin agus an t-Urramach Coinneach MacLeòid (à Barabhas ach a tha stèidhichte thall an sin ) air dòigh seirbheis Ghà idhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis de bhrà ithrean Mhgr Moireasdain thall air là ithean-saora aig an à m agus iad le chèile air leth math ann a bhith a' cur a-mach na loidhne.
Thill Mgr Moireasdan air ais a dh'Alba ann an 1999 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Joan agus tha dithis chloinne aca - Joanne agus John - agus ceathrar oghaichean. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith cur seachad ùine còmhla ri na h-oghaichean, a' gearradh an fheòir, a' leughadh 's a' coiseachd agus tha ùidh aige ann an cà raichean agus bà taichean agus cluichidh e Sudoku, uill gu ìre air choreigin co-dhiù!!!
Producer Angela MacKinnon.